Buannachd £12m às an HebCelt

Làrach Fèis Cheilteach Innse Gall bhon adharTùs an deilbh, JOHN MURDO MACAMHLAIGH
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis stiùirichean Fèis Cheilteach Innse Gall gun do chuir i £12m ri eaconamaidh nan Eilean Siar sna trì bliadhna a dh'fhalbh, ach gu bheil mì-chinnt ann mu cho seasmhach 's a tha am maoineachadh poblach air a son.

Sheall sgrùdadh ùr gu bheil a' bhuannachd eaconamach an cois na fèise air a dhol an-àirde còrr agus a dhà uimhir bho bha Covid ann nuair a chaidh a cur dheth airson dà bhliadhna.

Chuir an tachartas £4.1m ris an eaconamaidh ionadail an-uiridh, àrdachadh £600,000 an taca ri 2023.

Bidh an fhèis a' comharrachadh 30 bliadhna on thòisich i ann an 2027 agus, ma ruigeas i a' chlach-mhìle sin, tha an fheadhainn air a cùlaibh a' tomhas gum bi i air còrr is £40m a chur ri eaconamaidh nan Eilean Siar.

Ge-tà, tha luchd na fèise ag ràdh gur e an dùbhlan as motha romhpa dè am maoineachadh a gheibh iad san ùine fhada.

Fèis Cheilteach Innse Gall

Tha iad a' foillseachadh fianais mu bhuannachd eaconamach na fèise agus dùil aca ri co-dhùnadh cudromach mu mhaoineachadh bho Alba Chruthachail an ath-sheachdain.

Seach ionmhas fhaighinn gach bliadhna bhon bhuidhinn, tha luchd na fèise air iarrtas a chur a-steach airson maoineachaidh thairis air grunn bhliadhnaichean.

Tha seo a' tighinn aig àm dùbhlanach do dh'fhèisean air feadh na Rìoghachd Aonaichte, agus 72 tachartas air a chur dheth no a dhùnadh buileach ann an 2024.

Thàinig an naidheachd an t-seachdain a chaidh nach bi Fèis Chambridge, a thòisich ann an 1965, air a cumail am-bliadhna.

"'S e an fhìrinn a th' ann, chan eil duine sam bith sàbhailte," thuirt Leas-chathraiche HebCelt, Eilidh Linc.

Mhìnich i: "Tha sinn ceart gu leòr airson na bliadhna seo ach ma tha sinn a' coimhead air adhart airson nam bliadhnaichean ri thighinn bidh buaidh mhòr ann mura h-eil an t-airgead seo ann agus feumaidh sinn coimhead air dòighean eile a chur air dòigh."

The Proclaimers
Fo-thiotal an deilbh,

Tha The Proclaimers am measg an luchd-ciùil ainmeile a th' air nochdadh aig HebCelt on thòisich i ann an 1996

Thuirt Carol Fhearghastan, Co-òrdanaiche Fèis Cheilteach Innse Gall: "Tha e a' sìor fhàs duilich dhuinn an fhèis a chur air dòigh eadar cosgaisean a' dol an-àirde agus gu bheil nas lugha aig daoine nan sporranan.

"Mar sin chuir sinn fàilte mhòr air co-dhùnadh Alba Chruthachail cead a thoirt do thagraidhean maoineachaidh iomadh-bliadhna.

"Dhèanadh e diofar mòr dhuinn agus dhan eaconamaidh sgìreil sin fhaighinn.

"Chan urrainn dhuinn ach a bhith beò an dòchas."

Dhearbh luchd na fèise gum bi Eddi Reader, Josie Duncan, Tide Lines, Trail West, The Tumbling Souls, Donnie Dòtaman, Madison Violet agus Samba Sene & Diwan am measg na bhios air an àrd-ùrlar sa Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh eadar an 16mh agus an 19mh den Iuchar.

Tha luchd-ciùil mar Runrig, Van Morrison, The Proclaimers, Julie Fowlis, Big Country, KT Tunstall, agus The Fratellis air nochdadh aig an fhèis on thòisich i ann an 1996.