Tagraidhean gan sireadh do dh'fharpaisean a' Mhòid an Loch Abar

Còisir sgìreilTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

Tha tagraidhean gan sireadh airson fharpaisean a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a thèid a chumail ann an Loch Abar am-bliadhna.

Tha an fheadhainn a tha an urra ris an fhèis mhor, bhliadhnail ag iarraidh air a h-uile duine a tha airson pàirt a ghabhail anns na farpaisean, a thèid a chumail eadar 10mh is 18mh An Dàmhair, na tagraidhean aca a chur a-steach.

Chaidh fhoillseachadh sa Chèitean 2023 gum biodh am Mòd a' tilleadh a Loch Abar ann an 2025.

Seo an naoidheamh turas a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air tadhal air Loch Abar, agus tha ochd bliadhna ann bhon a chaidh a chumail anns an sgìre sin mu dheireadh.

Feumaidh daoine na tagraidhean aca a chur a-steach ro dheireadh an là, Disathairne 31mh an Cèitean.

Faodaidh daoine tagraidhean a chur a-steach an seo., taobh a-muigh

Còmhlan-pìoba a' caismeachd tron ÒbanTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich: "Chunnaic sinn na mìltean aig farpaisean Mòd na bliadhna an-uiridh, a' cur ri leasachadh na Gàidhlig an Alba agus a' comharrachadh ar cìuil is ar cultair.

"Tha na farpaisean aig cridhe an tachartais agus tha e tlachdmhor fhaicinn an dàimh, pròis agus an coimhearsnachd am measg nam farpaiseach.

"Ged a bhiodh tu air a bhith an sàs aig iomadach Mòd no a' tòiseachadh as ùr, mholainn gun dèan thu iarrtas agus a dhol an sàs san tachartas mhòr Albannach seo.

"Tha fhios gum faigh sinn deagh aoigheachd ann an Loch Abar agus tha sinn air bhioran Am Mòd a thoirt air ais a-rithist san Dàmhair", thuirt Mgr Greumach.

Chaidh còrr is 200 farpais a chumail aig Mòd an Òbain an-uiridh, anns an robh còrr is 2,700 farpaisich a' gabhail pàirt.

Thuirt an Comunn Gàidhealach gur e Mòd an Òbain an tachartas as motha a tha air a bhith aca ann an còig bliadhna agus gu bheil iad an dòchas gun lean sin am-bliadhna.

Tha farsaingeachd de dh'fharpaisean gan cumail ann an Loch Abar, eadar seinn, còisearan, an fhidheall, bàrdachd, còmhlain is eile., taobh a-muigh

Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Calum Rothach gu bheil an t-ùghdarras ionadail leth toilichte gu bheil am Mòd a' tilleadh a Loch Abar.

"A bharrachd air na farpaisean, tha am Mòd a' toirt cothrom cudromach do luchd-labhairt de dhiofar chomasan a' Ghàidhlig a chleachdadh gu neo-fhoirmeil tron tachartas agus cuiridh seo gu mòr ri beòthalachd shòisealta, eaconamach is chultarach coimhearsnachd Loch Abar", thuirt e.