Buaidh obair SSEN air taigheadas is turasachd an Leòdhas fon phrosbaig

Tha dùil ri mu 400 luchd-obrach ann an Leòdhas nuair a tha obair leasachaidh SSEN a' dol air adhart
- Air fhoillseachadh
Tha dùil ri suas ri 400 luchd-obrach an Leòdhas nuair a bhios fo-stèisean ùr ga thogail ach tha ceist ann mu càite am bi iad a' còmhnaidh.
Tha a' chompanaidh chumhachd SSEN cuideachd gu bhith a' cur càbaill-dealain ùir fon mhuir eadar an t-eilean agus tìr-mòr.
Nochd dragh cheanna mu bhuaidh a' phròiseict aca air bun-structar agus còmhdhail an Leòdhas ach tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh air taigheadas agus turasachd.
Tha e coltach gu bheil duilgheadas mar-thà aig daoine àite-fuirich a lorg nuair a bhios am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh ann an 2027.
Ged a tha SSEN air a bhith a' còmhradh le diofar bhuidhnean feuch am faighear fuasgladh tha an ùine a' ruith agus dùil gun tòisich an obair as t-Earrach an ath-bhliadhna.
Thuirt Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) gu bheil iadsan fhathast a' feitheamh fios mu ionmhas.
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ag obair còmhla ri SSEN airson 10 dachaighean a thogail air iomall Bharabhais don luchd-obrach a' chiad ghreis mus biodh iad ri fhaotainn do chàch.
Chaidh moladh cuideachd gum bu chòir seann dachaigh-curaim Blàr Buidhe ann an Steornabhagh a chleachdadh do luchd-obrach.
Chan eil càil dearbhte ge-tà.
Tha Sarah NicIlleathain ag ràdh gur e "suidheachadh mì-chinnteach a th' ann"
Tha dragh cuideachd mun bhuaidh a bhios air àitichean-fuirich do luchd-turais agus do luchd-frithealaidh a' Mhòid an ceann dà bhliadhna.
Chuala BBC Naidheachdan gu bheil còisirean agus feadhainn a tha am beachd a bhith ag obair ann a' strì gus àite-fuirich a lorg.
Tha Sarah NicIlleathain bho Thurasachd Innse Gall ag ràdh gur e "suidheachadh mì-chinnteach a th' ann".
Thuirt i: "Tha sinn aig ìre an-dràsta far am biodh e math soillearachadh fhaighinn air dè a' bhuaidh a bhiodh ann agus dè mar a bu chòir dhuinn sin a fhreagairt mar bhuidhinn.
"Bhiodh e math a bhith deasaichte ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' bruidhinn an seo air meud pròiseict nach fhacas sna h-Eileanan roimhe," thuirt i.
Dhearbh SSEN gu bheil iad a' coimhead ri diofar roghainnean ann an dlùth-cho-obrachadh le Comhairle nan Eilean Siar "airson fuasglaidhean taigheadais iomchaidh a leasachadh".
Thuirt iad gur e an t-amas aca gum bi an luchd-obrach a' fuireach ann an dòigh a chuireas taic ris an eaconomaidh ionadail agus aig a' cheart àm a bheir spèis do dh'fheumalachdan muinntir an àite.