Leasachadh ann an Linne Chrombaigh

Linne ChrombaighTùs an deilbh, Maree NicNeacail
  • Air fhoillseachadh

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson ionad far an rachadh tuathan-gaoithe a thogail a stèidheachadh ann an Linne Chrombaigh.

Tha an leasachadh a tha san amharc mar phàirt de Saor-phort Uaine Inbhir Nis is Chrombaigh.

Chuir a' bhuidhean Associated British Ports aonta ri uachdaran gus an t-ionad a thogail air fearann aig tuathanas Bhaile a' Choillein, dìreach gu tuath air Pàirc Cumhachd Bhàgh an Eige.

Thuirt àrd-oifigear Saor-phort Uaine Inbhir Nis is Chrombaigh, Calum Mac a' Phearsain, gur e "naidheachd mhòr" a tha san leasachadh.

Dh'innis Mgr Mac a' Phearsain gur e buidheann chliùteach a th' ann an Associated British Ports is gur e an saor-phort a tha air an tàladh gu tuath.

Chaidh innse aig toiseach na bliadhna gum biodh saor-phort uaine air a stèidheachadh ann an Linne Chrombaigh.

Cha bhi taraifean agus cìsean àbhaisteach a' bualadh air na puirt.

Chaidh na planaichean mu dheireadh airson Saor-phort Uaine Inbhir Nis is Chrombaigh a chur gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Dimàirt.