Dàil air cìs-comhairle is reataichean ri linn ionnsaigh shaidhbeir

ÈirisgeighTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha an ionnsaigh shaidhbeir a dh'fhulaing Comhairle nan Eilean Siar san t-Samhain a' cur dàil orra a bhith a' stèidheachadh ìrean cìse na comhairle agus reataichean gnothachais.

Bha còir aig na cùnntasan ùr a bhith air thighinn a-mach mu mheadhan a' Mhàirt.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil iad a-nis an dòchas an sgaoileadh sa Chèitean.

Mar as trice, bidh aig daoine ri cìs comhairle a phàigheadh deich tursan tron bhliadhna, eadar an Cèitean agus am Faoilleach.

Chaidh seo atharrachadh agus bidh sin a-nis a' tachairt eadar an t-Ògmhios agus am Màrt.

Tha a' Chomhairle air dearbhadh gun deach na suimean airgid a chaidh a phàigheadh bhon a thachair an ionnsaigh a chlàradh agus gun deach a chur mu choinneamh chunntasan dhaoine.

Thuirt neach-labhairt: "Tha a' Chomhairle ag obair gu dlùth ris a' chompanaidh bathair-bog 'son dèanamh cinnteach gun tèid seo a rèiteach gu sgiobalta agus gun cus thrioblaidean a dhèanamh do dhaoine.

"Tha sinn duilich airson an t-suidheachaidh mì-ghoireasaich agus tha sinn taingeil 'son foighidinn a h-uile duine fhad 's a bha sinn ag ath-thogail nan siostaman againn.

Dh'aontaich comhairlichean a' chìs chomhairle a reòthadh air coinneimh sa Ghearran.

Rinn an ionnsaidh shaidhbeir san t-Samhain milleadh mòr air air siostaman IT an ùghdarrais agus air na seirbheisean air-loidhne aca.