Ceum mòr 'son ICT

Pàirc ChaleyTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Ghabh Caley Thistle Inbhir Nis ceum mòr air falbh bhon bhlàr aig bonn Lìog 1 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Stenhousemuir 4-1 oidhche Mhàirt.

Tha Inbhir Nis air a bhith ann an staing timcheall air bonn na lìog bho chaidh iad ann an rianachd san Dàmhair is peanas 15 puingean a' dol orra.

Ach shreap ICT a-mach às an àite play-off Disathairne nuair a rinn iad an gnothach air Dùn Bhreatain, is leis na trì puingean oidhche Mhàirt tha iad a-nise san t-7mh àite is beàrn a' fàs eatorra agus bonn na lìge.

Fhuair iad tadhal tràth an aghaidh Stenhousemuir bho Ben Brannan, is ged a fhreagair na Warriors gu sgiobalta tro Euan O'Reilly, chuir Charlie Gilmour ICT air ais air thoiseach is dìreach 17 mionaidean air an cluich.

Chuir tadhal bhon Leòdhasach òg Keith Bray ICT nas fhaide air thoiseach tràth san dàrna leth is bha na puingean sàbhailte nuair a chuir Paul Allan am ball san lìon goirid às dèidh sin.

Tha Caley Thistle a-nise còig puingean air thoiseach air Annan san 9mh àite is an sgioba à Dùn Phris & Ghall-Ghàidhealaibh gus tighinn a dh'Inbhir Nis Disathairne.

Ma nì ICT an gnothach sa gheama sin bidh iad cha mhòr cinnteach air fuireach ann an Lìog 1, targaid a bha mòran a' cur romhpa nuair a chaidh am peanas de 15 puingean orra.

Is le Lìog 1 san fharsaingeachd teann, dh'fhaodadh fhathast gum biodh sùil aig ICT air a' 4mh àite is oidhirp air na play-offs aig a' mhullach.