Sgoil san Òban seach tè ùr Mhuile a b' fheàrr fhathast le pàrantan Eilean Ì
- Air fhoillseachadh
Cho-dhùin pàrantan an Eilean Ì gu h-aona-ghuthach nach eil iad airson an cuid chloinne a chur chun na sgoile ùire a tha san amharc am Muile agus gum b' fheàrr leotha cumail gan cur a dh'Àrd-sgoil an Òbain.
The Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson sgoil a thogail a thèid an àite Àrd-sgoil Thobar Mhoire agus i sin air fàs ro shean.
Tha deasbad air a bhith a' dol mu càite am bu chòir àrd-sgoil ùr do Mhuile a bhith air a stèidheachadh.
Tha bruidhinn ann gum faodadh i a bhith ann an Creag an Iubhair, am meadhan Mhuile, rud a bheireadh cothrom do dh'òigridh Eilean Ì a bhith air ais agus air adhart gach là.
Ach tha Katie Russon bho Chomhairle Coimhearsnachd Eilean Ì ag ràdh gum biodh fhathast turas làitheil ro fhada don chloinn.
"Bhiodh aca ri dhol air a' bhàta-aiseig a h-uile là agus siubhal air bus airson co-dhiù uair de thìde gach slighe," mhìnich i.
"Tha sin cus, cha ghabh earbsa cur sa bhàta-aiseig. Aig toiseach na seachdain seo cha d' fhuair mo mhac dhan àrd-sgoil san Òban nuair a bha còir agus bhiodh an t-uallach a thaobh còmhdhail oirnn gach là."
Tha muinntir Eilean Ì ag iarraidh air an ùghdarras ionadail an t-eilean a thoirt a-mach às na planaichean airson sgoil ùr ann am Muile, ach gum faodadh pàrantan a thig às an dèidh an cuid chloinne a chur ann ma 's e sin a roghnaicheas iad.
Tha cuid an Eilean Ì a' smaoineachadh gum faigh a' chlann buannachd à a bhith fad na seachdain san Òban, leithid a bhith a' dol gu clubaichean an dèidh na sgoile.
Thuirt Katie Russon:"Cha bhiodh cothrom aca a bhith ann an cuideachd dhaoine òga eile.
"Cuideachd 's e àite beag a th' ann an Eilean Ì agus 's e pàirt den bheatha an seo a bhith a' dol dhan sgoil san Òban, a' toirt neo-eisimeileachd do dhaoine."
Bidh clann às an Ros Mhuileach air taobh thall Chaolais Ì cuideachd a' dol dhan àrd-sgoil san Òban.
Tha taic làidir am measg phàrantan na sgìre airson àrd-sgoil ùr am meadhan an eilein dhan dèigheadh an cuid chloinne - rud nach eil comasach an-dràsta agus turas làitheil ro fhada dhaibh a Thobair Mhoire.
Ach chan eil an roghainn sin a' freagairt air clann Eilean Ì, a rèir Jan Simpson, Cathraiche Chomann nam Parant: "Tha sinn a' cur ar làn taic ri campas do Mhuile cho fàda agus gum faigh na coimhearsnachdan uile ann am Muile èisteachd.
"Ach tha Ì ann an suidheachadh eadar-dhealaichte air sgàth an turais-mhara a bharrachd a th' ann", thuirt i.
Bidh pàipear air beulaibh chomhairlichean Dihaoine air a' chuspair.
Thèid dàil a chur ann am moladh airson làrach sgoile ùir air sgàth nan diofar bheachdan a th' ann.