Ceistean ùra mu sgoiltean ùra do Mhuile

Fo-thiotal a’ bhidio,

Jenny Gilruth a' freagairt ceist Ariane Burgess aig Holyrood Diardaoin

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim gum biodh e comasach bun-sgoil is àrd-sgoil ùr ann am Muile a thogail air làraichean eadar-dhealaichte, ach gum feumadh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cosgaisean sam bith a bharrachd a phàigheadh.

Tha an t-ùghdarras ionadail fhèin ag ràdh gum faodadh dà làrach seach aon cùis ghnothachais a' phròiseict a chur ann an cunnart.

Tha deasbad air a bhith a' dol san eilean anns na mìosan mu dheireadh mu na planaichean airson sgoil ùr a thèid an àite Àrd-sgoil Thobar Mhoire.

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid na bu tràithe am-bliadhna a dhol air adhart le sgoil ùr a thogail, is beachd am measg chuid gum bu chòir làrach ùr a thaghadh ann am meadhan an eilein, seach ann an Tobar Mhoire.

Tha iad ag ràdh gum biodh seo a' freagairt air sgoilearan bho cheann a deas Mhuile, a dh'fheumas an-dràsta a dhol gu Àrd-Sgoil an Òbain agus fuireach an sin tron t-seachdain.

Ach tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith a' cumail a-mach gu bheil maoineachadh stèidhichte air an t-suidheachadh a th' ann an-dràsta le aona champas bho aois 2-18, is bun-sgoil ùr do Thobar Mhoire air an aon làraich ris an àrd-sgoil ùir.

Mar sin, nam biodh àrd-sgoil ùr air a togail ann am meadhan an eilein, dh'fheumadh a' bhun-sgoil ann an Tobar Mhoire gluasad cuideachd.

"Sùbailteachd"

A' freagairt ceist bhon BPA Uaineach Ariane Burgess aig Holyrood Diardaoin, chaidh Rùnaire an Fhoghlaim às àicheadh sin.

"Tha mi ag aithneachadh gu bheil faireachdainn làidir ann am Muile gur e bun-sgoil is na tràth-bhliadhnaichean a bhith a' fuireach ann an Tobar Mhoire, is àrd-sgoil ùr ann am meadhan an eilein an roghainn as fheàrr," thuirt Jenny Gilruth.

"Tha mi mothachail gu bheil suidheachadh car sònraichte an seo.

"Ma tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid den bheachd gur e dà làrach am fuasgladh a b' fheàrr 'son na coimhearsnachd, tha sùbailteachd ann am maoin LEIP gus airgead 'son aona champas a ghluasad gu pròiseact le dà làrach, ach dh'fheumadh an t-ùghdarras ionadail iad fhèin cosgaisean a bharrachd a ghiùlain," thuirt i.

Ann am brath, thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun robh na thuirt Jenny Gilruth air dearbhadh gu bheil taic LEIP ann a-mhàin 'son ghoireasan ùra stèidhichte air na goireasan a th' ann an-dràsta, is gum feumadh iad fhèin pàigheadh 'son dad sam bith a bharrachd.

Thuirt iad gur e uallach mòr a bharrachd a bhiodh ann 'son pròiseact a tha mar-thà dùbhlanach dhaibh a thaobh ionmhais.

Ged a thuirt iad gun dèan iad rannsachadh air na cosgaisean a bharrachd a bhiodh ann le dà làrach, thuirt iad às aonais maoineachaidh a bharrachd bhon taobh a-muigh gum biodh cuideam mòr orra is gun cuireadh e cùis ghnothachais airson na pròiseict ann an cunnart.

Gheall iad gu bheil iad ag èisteachd ris a' choimhearsnachd is thuirt iad gun tèid aithisg mun phròiseact air beulaibh coinneimh sònraichte air an 20mh den Dùbhlachd.