Clàr ball-coise WIIGA air fhoillseachadh

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh sgioba nam ban aig na h-Eileanan an Iar an aghaidh Hitra aig Geamannan nan Eilean an Arcaibh an ath-mhìos.
Tha a' chiad gheama ann an iomairt nam boireannach a' tòiseachadh aig 3.30f Didòmhnaich an 7mh den Iuchar aig pàirc Firth, leis an dàrna geama aca Diluain aig Dounby, cuideachd aig 3.30f an aghaidh Ynys Mon.
Bidh iad an dòchas an uairsin gun cluich iad sna h-iar chuairtean deireannach agus a' chuairt dheireannach, mar a rinn iad air an slighe gu bonn airgid ann an Guernsey bho chionn 2 bliadhna.
Cluichidh na fir Bermuda aig 12.00f air an t-Sàbaid, le Ynys Mon cuideachd acasan san dàrna geama aca aig 7.00f Diluain.
Cluichidh na fir an dà gheama sa bhuidhinn acasan aig pàirc Rendall air taobh an iar thìr-mòr Arcaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Gearran
- Air fhoillseachadh2 An Giblean