Cìsean turasachd a' dol beò
- Air fhoillseachadh
Thèid aig ùghdarrasan ionadail air cìsean turasachd a stèidheachadh bho Dhihaoine, agus Riaghaltas na h-Alba air cumhachdan gus na sgeamaichean a thòiseachadh a thoirt seachad.
Tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bi aig luchd-turais ri barrachd a phàigheadh nuair a tha iad a' fuireach ann an taighean-òsta agus taighean-aoigheachd.
Bidh roghainn aig gach comhairle ann an Alba ma tha iad airson cìs a thoirt a-steach agus dè na chosgadh i.
The Comhairle Baile Dhùn Èideann air a ràdh mar-thà gun cleachd iad na cumhachdan ùra, agus nì Comhairle na Gàidhealtachd co-chonaltradh ùr air a' chuspair a dh'aithghearr.
Thèid an t-airgead bho na sgeamaichean a chosg air bun-structar anns na sgìrean, leithid rathaidean, raointean-parcaidh agus taighean-beaga poblach.
Ach, tha cuid a tha a' ruith àitichean-fuirich teagmhach, agus iad ag ràdh gur dòcha gun cuir na cìsean luchd-turais dheth bho bhith a' tadhal air na sgìrean aca, agus gun cruthaich e biurocrasaidh a bharrachd do ghnothachasan beaga.
Chaidh sgeamaichean mar-thà a stèidheachadh ann am pàirtean den Ghearmailt, an Spàinn agus an Eadailt.
Stèidhich Manchester cìs an-uiridh, agus coltas gu bheil sin air £3m a chruinneachadh anns a' chiad bhliadhna.