Beachdan gan sireadh air mar bu chòir cìs turasachd obrachadh

ToirbheartanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air clach-mhìle chudromach a ruighinn a thaobh cìs turasachd a stèidheachadh aig tuath is iad ag ullachadh airson co-chomhairle ùr a thòiseachadh.

Iarraidh iad beachdan air mar bu chòir an sgeama obrachadh is mar a rachadh an t-airgead a thigeadh às a chosg.

Chuir Pàrlamaid na h-Alba taic sa Chèitean ri bile a leigeas le ùghdarrasan ionadail cìs turasachd a chur an sàs is fhuair an t-achd cead rìoghail as t-samhradh.

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd co-chomhairle fharsaing air cìs turasachd ann an 2019 - co-chomhairle às an tàinig còrr is 6,000 beachd.

Dhearbh a' Chomhairle às dèidh sin gun robh iad a' cur taic ris a' phlana ann am prionnsabal - is tha e am measg nam prìomhachasan ann am plana gnìomh a stèidhich iad.

Tha iad a-nise air innse gum fosgail co-chomhairle ùr a dh'aithghearr is iad a' sireadh bheachdan air ciamar dìreach a bu chòir dhan chìs obrachadh - agus mar bu chòir an t-airgead a thigeadh às a chleachdadh.

Thuirt cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh is a' Bhun-structair, Coinneach Gowans, gu bheil turasachd fìor chudromach dhan Ghàidhealtachd, agus gum biodh cìs deatamach ann a bhith a' maoineachadh nan seirbheisean is bun-structair air a bheil an roinn an eisimeil.

"Tha sinn air àrdachadh fìor mhòr fhaicinn san àireimh de dhaoine a tha a' tadhal air a' Ghàidhealtachd," thuirt an Comh Gowans.

"Tha seo uile a' cur uallaich air rathaidean is bun-structar eile agus 's e cnag na cùise gur e muinntir na Gàidhealtachd a tha a' pàigheadh airson goireasan a chumail aig ìre no a leasachadh, seach an luchd-tadhail.

"Le seo bidh maoin ùr againn as urrainn dhuinn cleachdadh gu sònraichte airson nan gnothaichean a tha seo," thuirt e.

Gheibhear a' cho-chomhairle ùr an seo, taobh a-muigh nuair a dh'fhosgaileas e.