£20m gus mòintichean ath-stèidheachadh

Obair ath-stèidheachaidh na mòintich aig Tuath Armadail ann an Gallaibh
- Air fhoillseachadh
Thèid obair ùrachaidh a dhèanamh air 12,000 heactair de thalamh mhòintich millte air feadh Alba thairis air an ath thrì bliadhna.
Tha NatureScot le maoin luach £20m a phàigheas airson a' mhòinteach ann an 64 làraichean ath-shlànachadh.
'S e am maoineachadh as motha a-riamh airson an leithid de phròiseactan.
Cumaidh an sgeama Peatland ACTION aca taic ri 400 obair sa roinn ann an 2025/26 a rèir na buidhne riaghaltais.

Obair ath-stèidheachaidh na mòintich a' dol air Oighreachd Lus
Bho 1990 chaidh obair ùrachaidh a dhèanamh air còrr is 90,000 heactair de thalamh mhòintich a chaidh a mhilleadh le drèanadh, coilltearachd agus cus ionaltraidh thar nam bliadhnaichean.
'S e mòintichean fallainn an dòigh as fheàrr san t-saoghal airson carbon a stòradh.
Ged nach eil iad ach air 3% de dh'uachdar na talmhainn tha iad a' stòradh a dhà uimhir de charbon na tha coilltean an t-saoghail.
'S e obair chudromach a th' ann airson dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde agus na bith-iomadachd.

Tha mòintichean an t-saoghail a' stòradh a dhà uimhir de charbon na tha craobhan
Gheall Riaghaltas na h-Alba gun cosg iad £250m airson 250,000 heactair de thalamh mhòintich ath-stèidheachadh ro 2030.
Thuirt Claudia Rowse, Leas-stiùiriche NatureScot: "'S e an rud as fheàrr mu bhith ag ùrachadh talamh mòintich gu bheil e gu buannachd a h-uile duine.
"Chan e a-mhàin gu bheil e math dhan àrainneachd agus airson a bhith a' strì ri atharrachadh na h-aimsire ach tha obair an cois na h-obrach, gu math tric ann an sgìrean dùthchail iomallach."
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair an seo. , taobh a-muigh
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar 2017
- Air fhoillseachadh14 An Gearran 2020
- Air fhoillseachadh28 An Gearran 2024