Cead ga shireadh airson co-chomhairle mu Sgoil an Naoimh Cliaman

Sgoil an Naoimh Cliaman
Fo-thiotal an deilbh,

Tha pàrantan air a bhith a' strì airson sgoile ùire airson còrr is 20 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air comhairlichean cead a thoirt airson co-chomhairle mu phlanaichean sgoil shònraichte Inbhir Pheofharain, Naomh Cliaman, a ghluasad gu làrach ùr.

Tha pàrantan air a bhith ag iomairt airson togalach ùr 'son còrr is 20 bliadhna.

Tha cuid den sgoil a thathas a' cleachdadh an-drasta còrr is 100 bliadhna de dh'aois agus tha trannsachan 's dorsan ann a tha mì-fhreagarrach do chathraichean-cuibhle.

Tha mu 50 sgoilear innte le feumalachdan agus ciorraman eadar-dhealaichte.

Cheannaich Comhairle na Gàidhealtachd làrach air Bruthach Dhochartaich air iomall a' bhaile ann an 2023 airson 's gun deadh sgoil ùr a thogail ann an sin.

Ach dh'aontaich comhairlichean sa Mhàrt gum bu chòir do Sgoil an Naoimh Cliaman a dhol air an aon làraich ri Bun-Sgoil ùr Inbhir Pheofharain - làrach a tha air cùl far a bheil Bun-Sgoil Inbhir Pheofharain an-dràsta.

Thèid iarraidh air comataidh foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain cead a thoirt am pròiseas conaltraidh a thòiseachadh.

Tha dleastanas aig an ùghdarras ionadail co-chomhairle a chumail mu a bhith a' gluasad Sgoil an Naoimh Cliaman gu àite ùr.

Tha sgoil ùr do Naomh Cliaman mar phàirt de Phlana In-ionmhais Comhairle na Gàidhealtachd.