CnES a' moladh Ùghdarras Singilte Eileanach a bhith ann

Thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais, gur e na h-Eileanan Siar an t-àite a b' fheàrr airson am modal fheuchainn
- Air fhoillseachadh
Tha ceannardan Comhairle nan Eilean Siar air a ràdh gu bheil iad a' faicinn Ùghdarras Singilte Eileanach mar an ath cheum airson seirbheisean poblach a thoirt seachad san sgìre.
Tha am beachd air a bhith ann o chionn ùine gur e structar na b' fheàrr a bhiodh anns an leithid de dh'ùghdarras.
Bhiodh an leithid de dh'ùghdarras an urra ris na seirbheisean poblach gu lèir, a' toirt a-steach leithid slàinte - a tha fo smachd Bòrd Slàinte nan Eilean Siar an-dràsta.
Tha beachd ann gun glèidheadh sin smachd air gnothaichean mar sin anns na h-Eileanan, agus moladh ann lùghdachadh a thoirt air na tha de bhùird slàinte ann an Alba bho 14 gu dìreach trì no ceithir.
Dh'fhaodadh gum fàgadh sin gur ann an sgìre eile a dheadh co-dhùnaidhean cudromach a dhèanamh a thaobh seirbheisean slàinte anns na h-Eileanan Siar.
"An cùm am bòrd slàinte a' dol? Mar a tha sinne a' faicinn, cha chùm," thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais.
"Bhiodh e coltach buidhnean poblach a thoirt còmhla ri chèile, agus gu h-àraid gum biodh cothrom aig an fheadhainn a th' air an taghadh aig an t-sluagh gur iad a bhiodh a' riaghladh chùisean a' dol air adhart.
"Tha mi a' faicinn tòrr chothroman an lùib sin," thuirt e.
Malcolm Burr, Àrd-oifigear CnES
Tha Àrd-oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, air an aon ràmh.
"Tha sinne air a bhith an dùil ris an t-suidheachadh seo o chionn bhliadhnaichean, nach eil maoineachadh gu leòr gu bhith ann a chumas seirbheisean poblach a' dol anns na h-Eileanan Siar mar a tha iad gan toirt seachad an-dràsta," thuirt e.
"Le sin air fàire, tha cunnart mòr dha-rìribh ann gu bheil leithid dèanamh cho-dhùnaidhean, gu bheil luchd-obrach aig a h-uile ìre, gan tarraing air falbh mean air mhean a-mach às na h-Eileanan Siar gu sgìrean eile tro amaladh, tro structaran ùra, tro structaran nàiseanta no sgìreil.
"Ma chuireas tu na h-Eileanan Siar air mapa de dh'Alba, bhiodh e a' sìneadh o Ghlaschu gu Obar Dheathain.
"Mura h-eil sinne nar sgìre, dè th' ann an sgìre?"
Ionmhas

Tha £20m a dhìth air seirbheisean poblach anns na h-Eileanan Siar
Leis na tha de dh'uallach air buidhnean poblach a thaobh ionmhais, tha Mgr Burr agus Mgr MacAonghais ag aontachadh gu bheil spionnadh às ùr ann don iomairt Ùghdarras Singilte Eileanach a chur air bhonn.
Thàinig e am bàrr toiseach na seachdain seo gu bheil £20m a dhìth air seirbheisean poblach nan Eilean Siar.
Tha iad a' faicinn gun gabhadh airgead a chùmhnadh leis a' mhodal a thathar a' moladh.
"Bhon taobh againne dheth, 's e an ath cheum a th' ann airson seirbheisean poblach a thoirt seachad gu ceart anns na h-Eileanan Siar," thuirt Àrd-Oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr.
"Chan e an t-airgead a-mhàin, ach le easbhaidhean a' fàs, maoineachadh a' crìonadh, feumaidh taobh an airgid dheth a bhith nas cudromaiche.
"Ged nach b' ann timcheall air ionmhas a chaidh a stèidheachadh, saoilidh mi gun tigeadh na h-uimhir de shàbhalaidhean an cois modail Ùghdarrais Shingilte - agus feumaidh sinn an t-airgead a chùmhnar mar sin a threabhadh air ais a-steach gu seirbheisean.
Tha Ùghdarras Singilte Eileanach ann am prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba.
Tha Mgr MacAonghais ag ràdh gur e na h-Eileanan Siar ann t-àite a b' fheàrr airson a leithid fheuchainn.
"Tha a' Chomhairle air a bhith a-nis gu math làidir airson 50 bliadhna, agus saoilidh mi le buidhnean poblach, thèid iad còmhla ri chèile, le slàinte, leasachadh taigheadais agus a' Chomhairle fhèin, gur e buidheann gu math làidir a bhiodh ann," thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, Donnachadh MacAonghais.
"'S e adhartas mòr, nar beachd-ne aig a' Chomhairle, a bhiodh ann nam faighiste air sin a dhèanamh.
"Tha taic ann bhon Riaghaltas, agus gu h-àraid pìleatadh sin ann an àite - agus càite eile coltach ris na h-Eileanan an Iar airson sin a dhèanamh?"