£500,000 a dh'ionnsaigh Screen Machine ùr a cheannach

An Screen Machine
  • Air fhoillseachadh

Tha an fheadhainn a tha a' ruith an Screen Machine a' dèanamh gàirdeachais is iad air £500,000 fhaighinn a dh'ionnsaigh làraidh ùr a cheannach, ged a tha iad ag ràdh gu bheil feum fhathast air barrachd.

Chaidh an Screen Machine a bh' ann a thoirt far an rathaid ann an 2023 is e air tighinn gu deireadh a bheatha.

Bhon uairsin tha seirbheis eadar-amail air a bhith ann is carbad air iasad chun a' Ghiblein 2026.

Aig an dearbh àm tha oidhirp air a bhith a' leantain gus £1.7m a thogail airson Screen Machine ùr fhaighinn.

Tha maoineachadh £500,000 a-nise air tighinn bho Riaghaltas na h-Alba is an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, ag ràdh gur e "goireas air leth cudromach a tha san Screen Machine, a' toirt taigh-dhealbh gu daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach".

Tha an t-airgead a' tighinn à Maoin Calpa na Gàidhlig.

Thuirt Fiona Fowler bho Sgrìon Sgìreil Alba gur e ceum math a tha seo ach nach eil an obair seachad.

"Tha seo gar cur gu math nas fhaisge air an targaid a th' againn ach tha beàrn ann fhathast.

"Tha feum againn fhathast air taic is tha sinn airson is gun tig daoine is gun cleachd iad an Screen Machine is gun cuidich iad sinn gus barrachd airgid a thogail".

Chaidh sgoilearan à Bun-sgoil Bhàgh a' Chaisteil an sàs san iomairt an-uiridh is iad a' cur fios gu Dame Judi Dench feuch taic fhaighinn bhuaipe.

Shoirbhich leotha is i às dèidh sin a' sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh orra taic-airgid airson Screen Machine ùr a thoirt seachad.