Coinneamh mhòr nam faoileagan an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Thèid a' bhuaidh aig faoileagan ann am bailtean air feadh na h-Alba a dheasbad aig àrd-choinneimh ann an Inbhir Nis an-diugh.
'S e Ministear an Àiteachais Jim Fairlie a bhios sa chathair is dearbhaidh e gu bheil NàdarAlba a' toirt seachad £100,000 gus comhairlean ionadail a chuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ris na h-eòin.
Bidh comhairlichean, comainn taigheadais, buidhnean coimhearsnachd, riochdairean gnothachais agus eòlaichean saidheans am measg na bhios an làthair.
Cha bhi buill-phàrlamaid Albannach no na meadhanan is Mgr Fairlie air innse gur e àrd-choinneamh a th' ann do dhaoine a tha an sàs "air an talamh".
Bha am BPA Tòraidheach Dùghlas Ros air a ràdh gun robh seo "garbh neònach" is bha deasbad beòthail ann mun chùis aig Holyrood an t-seachdain seo chaidh.
Às dèidh sin bha aimhreit ann eadar Mgr Ros is Jamie Hepburn bhon SNP a dh'fhàg air a' cheann thall gun do leig Mgr Hepburn dheth a dhreuchd mar Mhinistear airson Gnothaichean na Pàrlamaid
Tha an àireamh de dh'fhaoileagan ann am bailtean na h-Alba air a bhith ag èirigh anns na bliadhnaichean mu dheireadh is iad aig an aon àm a' crìonadh ann an sgìrean an cois a' chladaich.
"Tha an àrd-choinneamh seo a' toirt dhuinn cothrom fuasglaidhean pragtaigeach a chur air adhart, ionnsachadh bho na tha a' tachairt ann an àitichean eile, is co-obrachadh a chur air dòigh," thuirt Mgr Fairlie.
"Tha fòcas againn a-nise air ceumannan gus smachd a chumail air cùisean an ath-bhliadhna," thuirt e.
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain
Gheibh comhairlean cuibhreann den £100,000 a tha NàdarAlba a' cur air adhart air thoiseach air seusan briodaidh nam faoileagan an ath-bhliadhna.
Dh'fhaodadh gun tèid a chosg air gnothaichean mar leusairean, fuaim, spìcean is lìontan a chuireadh stad air na h-eòin a bhith a' neadachadh.
Bidh NàdarAlba fhèin air an riochdachadh aig a' choinneimh Dimàirt.
"Tha an fhianais soilleir gu bheil àireamh nam faoileagan a' tuiteam", thuirt cathraiche NàdarAlba, an t-Oll Cailean Galbraith.
"Ann an cuid de sgìrean tha na h-eòin - air sgàth rudan mar atharrachadh na gnàth-shìde is flu nan eun - air gluasad gu bailtean feuch biadh is àite sàbhailte 'son neadachadh fhaighinn.
"Ged a tha deasbad air a bhith ann bho chionn fhada mu smachd tro cheadan, agus bidh fhathast, feumaidh sinn cuideachd coimhead ri rudan mar bhiadh a bhith ri fhaighinn dha faoileagan ann am bailtean is làraichean 'son neadan.
"Leis a' mhaoineachadh seo biodh cothrom aig comhairlean planaichean a dhealbh an dà chuid gus faoileagan a dhìon agus smachd a chumail orra", thuirt e.