Clàran-ama samhraidh ChalMac air am foillseachadh
- Air fhoillseachadh
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air a' chiad chuibhreann de chlàran-ama an t-samhraidh 'son 2025 fhoillseachadh is cothrom ann ticeadan a bhucadh bhon 19mh den mhìos.
Tha Steòrnabhagh gu Ullapul, an t-Òban gu Bàgh a' Chaisteil, is seirbheisean eadar Ùige, an Tairbeart is Loch nam Madadh am measg nan clàran-ama a tha a' chompanaidh a-nise air fhoillseachadh.
Thuirt CalMac cuideachd gu bheil barrachd sheòlaidhean is àite gu bhith ann air slighean Arainn.
Bidh dà aiseasg a' dol eadar an t-eilean is tìr-mòr fad deich mìosan den bhliadhna, ach a-mhàin nuair a tha tè dhiubh san doc airson seirbheis bhliadhnail.
Bidh an MV Caledonian Isles a' dol eadar Àird Rosain is Brodhaig, is aiseag ùr ChalMac, an MV Glen Sannox, air an t-slighe eadar An Truthail is Brodhaig.
Bidh e comasach ticeadan airson nan clàran-ama a bhucadh air-loidhne bho 08:00m air an 19mh den Dùbhlachd agus air a fòn is aig na puirt bho 09:00m.
Thuirt CalMac gum bi an dàrna cuibhreann de chlàran-ama rim faighinn tràth sa Bhliadhna Ùir.
"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil e cudromach do dhaoine na planaichean samhraidh aca a chur air dòigh cho tràth 's a ghabhas, is dh'obraich sinn cruaidh gus na b' urrainn dhuinn de shlighean fhoillseachadh an-dràsta," thuirt Stiùiriche Ro-innleachd ChalMac, Pauline Blackshaw.
"A thaobh nan slighean eile, tha sinn fhathast a' toirt phlanaichean ri chèile is a' bruidhinn ri coimhearsnachdan.
"Tha sinn airson seo fhaighinn ceart is ged nach robh e comasach dhuinn na slighean air fad fhoillseachadh an-dràsta, 's e fuasgladh math a th' ann a bhith a' sgaoileadh nas urrainn dhuinn ron Nollaig.
"Tha mi airson taing a thoirt dha daoine airson a bhith taiceil is foighidinneach fhad 's a tha sinn ag obair air seo," thuirt i.
Gheibhear am fiosrachadh mu na slighean a tha air an dearbhadh aig an ìre seo air làrach ChalMac, taobh a-muigh.