Aonta gun ruighinn gus Caley Thistle a shàbhaladh bho rianachd
- Air fhoillseachadh
Cha deach aonta a dhèanamh le fear-gnothaich 'son airgead a chur ri Caley Thistle Inbhir Nis.
Bha còmhraidhean aig a' chluba le Dàibhidh MacAnndrais à Moireibh ann an oidhirp rianachd a sheachnadh.
Choinnich Mgr MacAnndrais le oifigich Chaley Thistle Diardaoin agus chaidh innse dha gum feumadh e tairgse fhoirmeil a chur a-steach ro 12:00f an-diugh.
Thuirt an cluba ged nach deach aonta a ruighinn gun cuir iad fàilte air còmhraidhean a bharrachd le companaidh Mhgr MhicAnndrais, DA Capital, nuair a tha suidheachadh an ionmhais fo smachd.
Tha dùil gun coinnich bòrd a' chluba feasgar Dihaoine. Thuirt Caley Thistle gun tèid fios a sgaoileadh an ceann-ùine.