Mìltean gun dealan an dèidh Stoirm Floris

Craobh a' bacadh rathaid 's sgioba ga clìoradhTùs an deilbh, JASPERIMAGE
  • Air fhoillseachadh

Tha na mìltean dachannan fhathast às aonais chumhachd an dealain agus tha trèanaichean nan tàmh an dèidh Stoirm Floris.

Dh'innis Scottish and Southern Electricity Networks (SSEN) gu bheil 22,000 dachaigh gun dealan mu 08:00m Dimàirt, ach gun deach aca air dealan a thilleadh gu 50,000 dachaigh.

Tha Network Rail ag ràdh gu bheil sgiobannan air a bhith ag obair "gun abhsadh" airson loidhnichean a chlìoradh, le 119 aithrisean Diluain gun robh sprùilleach air an rèile feadh na h-Alba.

Ràinig a' ghaoth 90msu ann an cuid de sgìrean den dùthaich.

Dh'fhàg an stoirm troimhe-chèile air seirbheisean còmhdhail eile, le aiseagan agus seirbheisean adhair gan cuir dheth feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt SSEN gur e "an stoirm samhraidh as milltiche o is cuimhne".

Thug Oifis na Sìde rabhadh seachad gu bheil tuilleadh aimsir fhliuch is gaothach air fàire anmoch Diciadain agus a-steach gu Diardaoin ann an sgìrean mun iar-thuath.