Fianais ùr mu dhàil air obair an A9

A9
  • Air fhoillseachadh

Nochd fianais ùr a tha a' toirt am follais gur dòcha gun robh fios aig Riaghaltas na h-Alba fad bhliadhnaichean nach gabhadh crìoch a chur air obair an A9 a dhèanamh dà-fhillte eadar Inbhir Nis agus Peairt ro 2025.

Dhearbh an riaghaltas mu dheireadh thall anns a' Ghearran am-bliadhna nach b' urrainn dhaibh cumail ris a' ghealltanas a bh' ann.

Bha iad air an targaid a stèidheachadh ann an 2011.

Chaidh 11 mìle de rathad a dhèanamh dà-fhillte bhon uairsin, ach tha 77 mìle fhathast ri dhèanamh, is bha ceistean ann fad bhliadhnaichean am biodh e idir comasach an obair a dhèanamh ro 2025.

Tha e a-nise air tighinn am bàrr gun deach comhairle a thoirt do mhinistearan anns an Lùnastal 2018 nach rachadh an targaid a choileanadh, fiù 's le maoineachadh phrìobhaideach.

Bha pàipear ann cuideachd san Dùbhlachd 2021 a sheall nach rachadh an obair a chrìochnachadh ro 2032 - le airgead prìobhaideach - is 2034 fon mhodail ionmhais a th' ann.

Sheall am pàipear cuideachd gun robh cosgaisean na h-obrach air èirigh gu mòr.

Bha Riaghaltas na h-Alba air clàr-ama ùr 'son na h-obrach a ghealltainn as t-fhoghar am-bliadhna is thuirt iad gu bheil dùil ri deit ùr "anns na làithean a tha romhainn".

Thuirt Còmhdhail Alba gur ann anmoch an-uiridh a bha fios acasan le cinnt nach gabhadh crìoch a chur air an obair ro 2025.