Briseadh-dùil is fearg mun A9

  • Air fhoillseachadh
A9Tùs an deilbh, Reuters

Tha fearg air mòran air Ghàidhealtachd às dèidh do Riaghaltas na h-Alba aideachadh nach tèid an A9 gu lèir eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte ro 2025.

'S e sin an targaid a stèidhich an riaghaltas ann an 2011.

Chaidh 11 mìle de rathad a dhèanamh dà-fhillte bhon uairsin, ach tha 77 mìle fhathast ri dhèanamh.

Tha mòran air ceistean a chur air an riaghaltas mun chùis anns na mìosan mu dheireadh is a h-uile dùil ann nach robh e idir gu bhith comasach an targaid a choileanadh.

Dh'aidich Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, ann an òraid aig Holyrood feasgar Diciadain nach bi an obair-leasachaidh deiseil ann an 2025, ged a thuirt i gu bheil an riaghaltas fhathast gu làidir a' cur taic ris a' phròiseact.

Thuirt i gu do bhuail gnothaichean mar bhuaidh Covid, Brexit, is cogadh Ucràin air a' phròiseact.

Dh'innis i cuideachd nach do chuir ach aon chompanaidh tagradh air adhart airson obair a dhèanamh air cuibhreann den rathad eadar an Tom Aiteann agus a' Mhòigh, is gum feum an cùmhnant a dhol a-mach gu tairgse oir nach robhar den bheachd gum faigheamaid luach an airgid bhon tagradh a bh' ann.

A9

Ach thuirt i gu bheil Còmhdhail Alba a' coimhead ri roghainnean airson a' chòrr den obair is gun tèid clàr-ama ùr a thoirt air adhart as t-Fhoghar.

Cha robh sin idir math gu lèor do mhòran a bha ag èisteachd.

Thuirt am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Rhoda Ghrannd, gu bheil an riaghaltas "air a' Ghàidhealtachd a leigeil sìos gu tur".

Thuirt i gun robh e "maslach" gun deach cogadh Ucràin a chleachdadh mar leisgeul is gur e an SNP fhèin as coireach.

Bho na Tòraidhean thuirt Murchadh Friseal BPA gur e briseadh-dùil mòr a th' ann do choimhearsnachdan a bha mar-thà a' feitheamh bhliadhnaichean airson obair-leasachaidh air an rathad. Thuirt e gun lean call beatha air an A9 gus am bi an rathad air a dhèanamh nas sàbhailte.

Is thuirt BPA SNP na Gàidhealtachd is nan Eilean, Fearghas Ewing, gum bi "iongnadh is fearg" air daoine leis an naidheachd.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Twitter
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le Fergus Ewing MSP

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le Fergus Ewing MSP

Thàinig fearg cuideachd bho BhP Lib Deamach Ghallaibh, Chataibh is Taobh Sear Rois, Jamie Stone.

Thog esan dragh às ùr mun A9 tuath air Inbhir Nis is e ag ràdh nach robh guth air obair-leasachaidh no barrachd airgid airson a' chuibhrinn sin den rathad.