Maill mhòr fhathast air IT Comhairle nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh
Tha ionnsaigh shaidhbeir a' cur maill mhòir air obair Comhairle nan Eilean Siar.
Tha a' Chomhairle, Poileas Alba, Riaghaltas na h-Alba agus Ionad Nàiseanta na Tèarainteachd Saidhbeir a' rannsachadh ionnsaigh ransomware air siostaman IT an ùghdarrais ionadail.
'S e a th' ann an ionnsaigh ransomeware ach far am bi eucoirich a' glasadh shiostaman IT 's iad ag iarraidh airgid airson na siostaman agus fiosrachadh a thilleadh.
Tha siostam puist-dealain na Comhairle ag obair a-rithist agus thuirt iad oidhche Chiadain gu bheil an obair a' leantainn air a' chòrr.
"Chaidh ionnsaigh eucoireach a dhèanamh air a' Chomhairle, air na siostaman IT againn," thuirt àrd-oifigear na Comhairle, Malcolm Burr.
"Tha sin air buaireadh mòr adhbharachadh do na seirbheisean IT againn.
"'S e am prìomhachas againn na seirbheisean a chur air ais gu dol cho luath 's a ghabhas, agus a dhèanamh cinnteach gu bheil iadsan a tha a' crochadh air na seirbheisean againn anns a' chiad àite a' faighinn cothrom orra.
"Airson ar cuideachadh sin a dhèanamh, tha sinn ag obair còmhla ri Poileas Alba - 's e cùis eucoir a tha seo - tha sinn ag obair còmhla ri Ionad Nàiseanta na Tèarainteachd Saidhbeir, agus le Riaghaltas na h-Alba.
"Tha iad seo uile gar cuideachadh le comhairle eòlaich agus taic.
"'S e as èisle ge-tà, na seirbheisean againn a chur gu dol a-rithist," thuirt e.
Tha ionnsaighean saidhbeir ransomware a' fàs nas bitheanta, nas iom-fhillte, nas duilghe stad agus dèiligeadh riutha nuair a thig iad.
"Chan eil an rannsachadh air cho farsainn 's a bha an ionnsaigh seo faisg air a bhith deiseil fhathast," thuirt Mgr Burr.
"Cumaidh sinn fiosrachadh ri daoine gu cunbhalach aon uair 's gum bi fios againn.
"Tha mi toilichte a ràdh nach eil seo idir a' toirt buaidh air a h-uile siostam a th' aig a' Chomhairle.
"Tha a' mhòr-chuid de dh'obair-shòisealta, cùram shòisealta, sgoiltean - agus tha sin gu math cudromach, gu follaiseach, a thaobh frithealadh sheirbheisean - gun bhuaidh bhon seo.
"Tha roinnean eile a ghabhas ath-thogail, nam measg sin, tha mi a' tuigsinn, tha tuarastail an luchd-obrach.
"Ach mar a tha mi ag ràdh, tha sinn fhathast ga rannsachadh," thuirt e.
Ged nach tigeadh air a' Chomhairle èirig a phàigheadh, tha an gnothach a' toirt buaidh mhòir air tè de na comhairlean as lugha san Rìoghachd Aonaichte, agus an tè a dh'fhairich an lùghdachadh as motha sa bhuidseat aca bho Riaghaltas na h-Alba san deich bliadhna a dh'fhalbh.
"'S e rud a tha sin mum bi sinn a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba, a th' air a bhith gu math taiceil," thuirt Mgr Burr.
"Dh'fhaodadh gum bi sinn a' cur feum air taic eòlaich, dh'fhaodadh nach bi. Tha e doirbh a ràdh aig an ìre seo.
"Ach gu follaiseach dh'fhaodadh gun tig cosgais oirnn airson na comhairle eòlaich a dh'fhaodamaid a bhith a' feumachdainn ann a bhith ag ath-thogail na chaidh a mhilleadh," thuirt e.
Tha na h-àireamhan fòna eadar-amail a tha a' Chomhairle a' cleachdadh rim faighinn air na meadhanan-sòisealta aca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An t-Samhain 2023