Soithichean mòra luchd-turais "nan cuideachadh mòr" anns na h-Eileanan

MSC Poesia Tùs an deilbh, Ùghdarras Port Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

An MSC Poesia, a thadhail air Steòrnabhagh an t-seachdain seo chaidh.

  • Air fhoillseachadh

Tha Ùghdarras Port Stèornabhaigh ag ràdh gu bheil eaconomaidh nan Eilean a' faighinn togail mhòir à cho soirbheachail 's a bha seusan nan soithichean mòra luchd-turais gu seo.

Tha barrachd de na soithichean a' tadhal air a' bhaile air an t-seusan seo na riamh roimhe.

Air an t-seachdain chun an t-16mh den Iuchar, thadhail seachd soithichean mòra air a' bhaile, a' toirt leotha còrr air 8,000 duine.

Bidh cha mhòr 100 soitheach den leithid air tadhal air a' bhaile am-bliadhna nuair a thig an seusan gu ceann san t-Sultain.

Dh'innis àrd-oifigear Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, Ailig MacLeòid, gu bheil buannachdan mòra ann.

"Gun teagamh 's e seo a' bhliadhna as fheàrr a th' air a bhith againn.

"Tha bùthan ann an Steòrnabhagh air a bhith ag innse dhuinn gu bheil iad a' faicinn àrdachaidh mhòir ann an luchd-turais bho na soithichean mòra.

"Tha am baile cho trang is gu bheil e na chuideachadh mòr dha na bùthan. 'S e geamradh fada a th' aca is mar sin tha seusan na turasachd cho cudromach dhaibh, is tha na soithichean mòra a' cur ri sin gu mòr", thuirt e.

Tha dùil gum bi an ath-bhliadhna nas trainge buileach agus earrann ùr domhain den chala, a chosgas £59m, gu bhith fosgailte.

Fàgaidh seo gum bi comas aig soithichean suas ri 360 meatar de dh'fhaid ceangal ri cidhe, seach a bhith air acair a-muigh san loch.

Thuirt Mgr MacLeòid gum bi feum aig gnìomhachas na turasachd fàs ri linn 's mar a thig barrachd dhaoine nuair a tha an cidhe ùr deiseil.

A thuilleadh air na soithichean mòra, tha na mìltean cuideachd ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo airson Fèis Cheilteach Innse Gall, a tha a-nise air tòiseachadh.

Chan eil ticeadan air fhàgail airson Disathairne is glè bheag air fhàgail aig an ìre seo airson Diardaoin is Dihaoine.