"Cothrom ann" campas Gàidhlig a stèidheachadh an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Tha Comann nam Pàrant den bheachd gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar coimhead ri bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh a thuilleadh air ard-sgòil le campas a thogail do sgoilearan aois 3-18.
Tha seo às dèidh na naidheachd a bhris BBC Naidheachdan bho chionn cola-deug gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a' coimhead ri Àrd-Sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh an Steòrnabhagh.
Thèid aithisg a thoirt do chomataidhean na comhairle sa Ghearran às dèidh sgrùdadh mu na cosgaisean 's na buannachdan a bhiodh an cois a' phròiseict.
Thuirt Comann nam Pàrant Nàiseanta nach robh mòran chòmhraidhean aca le pàrantan mu àrd-sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan, ach gu bheil pàrantan ann an Steòrnabhagh air iarrtas a nochdadh airson bun-sgoil Ghàidhlig fa leth.
Thuirt iad gu bheil iarrtas ann ach nach robh CnES airson coimhead ris gu ruige seo.
"'S e deagh naidheachd a tha seo gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a-nis a' beachdachadh air sgoil Ghàidhlig fa leth," thuirt Stiùiriche Chomann nam Pàrant Nàiseanta - Magaidh Wentworth.
"Àm gu math freagarrach cuideachd tha mi a' smaoineachdainn leis gun robh naidheachd ann bho Chomataidh an Fhoghlaim aig an Riaghaltas an-dè gum bi pròiseas a' dol troimhe ann am Bile nan Cànanan Albannach a thaobh a bhith a' stèidheachadh sgoiltean fa leth".
Bhiodh an t-atharrachadh sin sa bhile, ris an do chuir Comataidh an Fhoghlaim taic Diciadain, a' ciallachadh gum feumadh ùghdarras foghlaim beachdachadh air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san sgìre aca taobh a-staigh naoi mìosan às dèidh dhaibh iarrtas fhaighinn bho phàrant, Comann nam Pàrant (Nàiseanta), is Bòrd na Gàidhlig.
Bhiodh cuideachd cumhachd aig Riaghaltas na h-Alba innse do dh'ùghdarrasan foghlaim sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh, ma 's e is gun robh iad air measadh a dhèanamh gu bheil iarrtas is comas ann ach nach deach sgoil a chur air dòigh.
Is tha Comann nam Pàrant ag ràdh nach e bun-sgoil Ghàidhlig an Steòrnabhagh seach àrd-sgoil a tha iad a' moladh idir.
"Chanainn gu bheil cothrom ann an seo airson a' Chomhairle a bhith gu math adhartach agus a bhith a' stèidheachadh dh'fhaodadh campas 3-18 - rud nach eil againn ann am foghlam Gàidhlig gu ruige seo," thuirt Magaidh Wentworth.
Dh'iarr i gum bi co-chomhairle CnES air a' chuspair a' toirt a-steach iarrtas 'son bun-sgoil agus campas 3-18.
Ged a tha pàrantan air iarrtas a nochdadh ann am bun-sgoil Ghàidhlig fa leth ann an Steòrnabhagh, tha an cànan ga teagasg anns a h-uile bun-sgoil anns na h-Eileanan Siar mar thà.
Tha Ms Wentworth ag ràdh ge-tà, gu bheil sgoiltean Gàidhlig fa leth a' tabhainn rud sònraichte.
"Tha e math gu bheil Gàidhlig anns a h-uile sgoil anns na h-Eileanan," thuirt i.
"Tha fios againn cuideachd gu bheil sgoiltean Gàidhlig fa leth, tha thu a' faighinn rud eadar-dhealaichte.
"Chan eil ach Gàidhlig anns an sgoil, 's i a' Ghàidhlig cànan na sgoile agus tha sin a' dèanamh diofair dha na sgoilearan.
"Tha sinn a' faicinn, agus tha pàrantan a' faicinn, gu bheil cothrom sònraichte ann an Steòrnabhagh airson sgoil fa leth.
"Tha an suidheachadh anns a' bhaile sin eadar-dhealaichte. Tha na h-àireamhan mòr gu leòr a tha a' fuireach anns a' bhaile - ach chan eil na h-àireamhan taobh na Gàidhlig cho math sin, a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
"Agus mar a chunnaic sinn ann an sgìrean eile mar Phort Rìgh, fhuair sinn fàs anns na h-aireamhan a tha sin nuair a fhuair sinn sgoil fa leth.
Thuirt i cuideachd, ged a bha draghan bho chuid gun toireadh bun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh droch bhuaidh air a' Ghàidhlig ann am bun-sgoiltean eile san Eilean Sgitheanach, nach do thachair sin.
Thog Ms Wentworth cuideachd air Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil.
Thuirt i gum feumadh Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh mar chuspair a bhith ri fhaighinn fhathast ann an Sgoil MhicNeacail fiù 's ged a bhiodh àrd-sgoil Ghàidhlig ann.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nuair a bhrist an sgeulachd gun dèan iad sgrùdadh "gus dearbhadh an gabhadh foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh sna h-Eileanan Siar"
"Thathar a' sireadh taic ionmhasail bho Riaghaltas na h-Alba airson an sgrùdaidh seo agus bidh aithisg a' dol chun an ath sreath choinneamhan sa Ghearran 2025", thuirt iad.