Dragh mu dhàrna campa do luchd-obrach an sgìre an Àth Leathainn

Hamish Friseal
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh air Hamish Friseal gum bi na bùthainnean san sgìre falamh leis an àireamh dhaoine ris a bheil dùil

  • Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas am measg cuid ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich mu phlanaichean airson campa eile do luchd-obrach san sgìre.

Bhiodh àitichean-fuirich ann dha 450 duine san leasachadh taobh Bhreacais.

Chaidh draghan a nochdadh mar-thà mu phlanaichean fa-leth gus campa do 350 duine a thogail san Àth Leathann.

'S e a' chompanaidh Sodexo a tha air cùl nam planaichean sin is iad an-dràsta aig ìre , taobh a-muighchead-dealbhachaidh, taobh a-muigh.

Nochd beachd aig coinneimh phoblaich a chuir Comhairle Coimhearsnachd an Àth Leathainn air dòigh na bu tràithe air a' mhìos gun cuireadh seo cus uallaich air goireasan, siostaman òtrachais agus seirbheisean na sgìre.

Dh'iarr a' chomhairle coimhearsnachd barrachd ùine airson beachd a' phobaill a shireadh.

'S e a' chompanaidh Balfour Beatty a tha air cùl nam planaichean airson campa eile aig Aisig ann an sgìre Bhreacais.

Coltach ri leasachadh Sodexo, bhiodh an luchd-obrach a bhiodh a' fuireach sa champa ag obair air a' phròiseict aig SSEN airson loidhne-dealain ùr a thogail eadar an t-Eilean Sgitheanach is Cille Chuimein.

Na planaichean

"Sa chiad dhol a-mach, an làrach a tha iad a' coimhead air a son anns an Àth Leathann, tha fios againn air sin agus tha sinn a' dèanamh rannsachaidh dè tha sinn a' dol a ràdh mu dheidhinn sin," thuirt Hamish Friseal, a tha na iar-chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd an Àth Leathainn agus an t-Sratha.

"'S e àireamh mhòr a bh' ann an sin fhèin, 350.

"Nise, ma tha seo a' dol air adhart, chan eil rian ann gu bheil gu leòr ghoireasan anns an sgìre a tha seo airson sin a chur an cèill.

"Tha iad a' dèanamh sgaradh mòr. Agus tha iad a' dol a chur uallach mòr air na daoine timcheall an seo. Air na seirbheisean a bhios againn timcheall an seo.

"Agus mar sin chan eil mise a' faicinn gu bheil rian sam bith gun leig duine sam bith - gu h-àraid am planadh agus an Riaghaltas - seo a dhol air adhart leis na h-àireamhan de dhaoine a tha iad a' cur air adhart ann an seo."

Iain MacFhionnlaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Comh. Iain MacFhionnlaigh ag ràdh gum feum daoine am beachdan a chur an cèill

Bhiodh na campaichean ann airson àiteachan-fuirich agus goireasan leithid gym, bàrr is àite-bìdhe aig luchd-obrach SSEN.

Dh'fheumadh an dà champa cead-dealbhachaidh an toiseach bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha comhairlichean mothachail gu bheil dragh air daoine mu na planaichean.

"Tha draghan a' tighinn bho dhaoine a tha a' fuireach san Àth Leathann mu dheidhinn an dà champa do luchd-obrach a dh'fhaodadh a bhith a' tighinn," thuirt an Comh. Iain MacFhionnlaigh.

"Leis gum faodadh na campaichean seo còrr is 700 luchd-obrach a thoirt dhan sgìre tha dragh ann ciamar a dhèiligeas a' choimhearsnachd ris na daoine a bharrachd a tha dòcha a' tighinn.

"Tha dragh air daoine mu dheidhinn cuideam a bhith air na bùthainnean agus air an ospadal, agus mar sin feumaidh daoine a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn seo le luchd-dealbhachaidh agus leis a' chomhairle choimhearsnachd.

"Feumaidh daoine cuideachd na beachdan aca innse mar phàirt den phròiseas dealbhachaidh," thuirt e.

Cairistiona Ghreumach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh air Cairistiona Ghreumach gum bi buaidh mhaireannach aig an obair air gnìomhachas na turasachd san eilean

Dh'innis SSEN gu bheil iad a' dol a chumail dà choinneimh mu na planaichean aca - tè ann an Caol Àcainn agus tèile anns an Àth Leathann - faisg air deireadh a' Ghearrain.

Thuirt iad gu bheil iad ag iarraidh beachdan muinntir na sgìre a chluinntinn, agus gu bheil an obair airson an loidhne-dealain ùrachadh riatanach.

A bharrachd air na h-àitichean-fuirich anns na campaichean a bhiodh ann fad còig bliadhna, thuirt SSEN gu bheil iad cuideachd airson taighean-còmhnaidh ceart a thogail a dh'fhaodadh àiteachan-fuirich maireannach a chumail ri muinntir an àite air a' cheann thall.

Tha gu leòr san Eilean Sgitheanach a tha ag aontachadh ri sin, ach tha moladh ann gum bu chòir campaichean nas lugha a bhith ann tron eilean air fad, agus dragh ann gum biodh fada cus buaidh leis na planaichean mar a tha iad an-dràsta air ceann a deas an eilein.

"Tha e uabhasach, agus tha e doirbh a chreidsinn gu bheil daoine a' dèanamh rudeigin mar sin," thuirt Cairistiona Ghreumach, à Breacais.

"Nuair a tha an t-eilean a' crochadh cho mòr air luchd-turais, agus chan eil mi a' smaointinn gun till daoine nuair nach eil ann ach campaichean agus crainn-dealain is crainn-ghaoithe agus a h-uile sheat.

"Tha e doirbh a ràdh gum bi buannachd sam bith a' tighinn às.

"Ach chan urrainn dhomh smaoineachadh gum bi a' choimhearsnachd toilichte," thuirt i.

Tha Hamish Friseal den bheachd gum feumar strì a dhèanamh gus dèanamh cinnteach nach toir an obair droch bhuaidh air beatha na coimhearsnachd.

"Aig an ìre a tha seo ma tha thu ann an seo as t-samhradh, a' fuireach ann an seo, agus a' dol dha na bùthainnean mar a' Cho-op, chan eil sheat air fhàgail air na sgeilpichean," thuirt e.

"Agus ma chuireas tu 700 no 800 duine a bharrachd a-staigh anns an dùthaich cha bhi rian an nach eil iad a' dol a bhith a' ceannach rudan an sin.

"Cha bhi sheat air na sgeilpichean airson nan daoine a tha a' fuireach anns an dùthaich a tha seo. Tha e dona gu leòr mar a tha e an-dràsta.

"Cha bhi peatrol ann. Cha bhi diesel ann. Cha bhi rud sam bith anns an sgìre a tha seo ma thig na h-àireamhan a tha sin a-staigh agus iad a' fuireach ann an seo 's iad ann fad na bliadhna.

"Chan eil rian ann nach eil e a' dol a dhèanamh milleadh mòr air an sgìre a tha seo agus feumaidh sinn a bhith gu math faiceallach nach leig sinn le sin a dhol air adhart gun a bhith gu math cinnteach gu bheil iad air coimhead air a h-uile dòigh eile air seo a chur ceart."

Tuilleadh air an sgeulachd seo