Beachdan gan sireadh mu 94 taighean ùra ri taobh Port-adhair Steòrnabhaigh

An làrach bhuidhe far a bheilear airson 94 taighean a thogail ri taobh an raon-laighe
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh-togail CalMax a' sireadh bheachdan a' phobaill mu na molaidhean aca 94 dachaighean a thogail air fearann ri taobh Port-adhair Steòrnabhaigh.
Tha iad ag obair an co-bhanntachd leis a' bhuidhinn, Tighean Innse Gall (TIG), airson an sgeama taigheadais a thoirt air adhart.
Thuirt iad gu bheil beachdan na coimhearsnachd cudromach don phròiseas dealbhachaidh, agus tha iad a' toirt cuireadh do dhaoine thighinn gu seiseanan co-comhairleachaidh phoblaich.

Bidh na taighean ùra air an làraich far an robh uair seann togalaichean NATO
Bidh a' chiad fhear ann Dimàirt an 28mh den Dàmhair eadar 1:00f agus 7:00f ann an Talla Shanndabhaig.
Bidh dàrna seisean air a chumail ann air an 17mh den t-Samhain aig an aon àm agus san aon àite.
Faodar cuideachd beachdan a thoirt seachad air-loidhne, taobh a-muigh.
Tha CalMax ag ràdh gum bi cothroman a bharrachd aig a' phoball am beachdan a chur gu Comhairle nan Eilean Siar aon uair agus gun cuir iad iarrtas dealbhachaidh a-steach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Samhain 2020
