Deasbad mu àrd-sgoil ùir do dh'Eilean Mhuile

Tha Acacia agus Emmanuel a' fuireach anns an Ros Mhuileach
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann am Muile gum faodadh sgaradh bheachd a bhith ann mun làraich air an tèid àrd-sgoil ùr an eilein a thogail.
Dh’aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nas tràithe am-bliadhna a dhol air adhart le planaichean gus sgoil ùr a thogail.
Thàinig sin às dèidh do chonnspaid a bhith ann roimhe mu phlana a bh' ann airson Àrd-sgoil Thobar Mhoire a sgeadachadh seach sgoil ùr a thogail.
Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn roimhe gum pàigh iad pairt de chosgais na sgoile ùire.
Ach tha deasbad mòr a' dol a thaobh càite san eilean a bu chòir an sgoil ùr a bhith, le cuid airson is gum bi i an Tobar Mhoire mar a tha an sgoil a th' ann, is cuid eile den bheachd gum biodh làrach ann am meadhan an eilein na b' fheàrr.
Nam measg tha feadhainn bhon Ros Mhuileach, ann an iar-dheas an eilein, is clann na sgìre an-dràsta a' dol gu Àrd-Sgoil an Òbain agus a' fuireach an sin tron t-seachdain, is an àrd-sgoil ann an Tobar Mhoire ro fhada air falbh dhaibh.
Rinneadh suirbhidh san Ros Mhuileach mu bheachdan phàrantan.

Iain Billard, Cathraiche Comhairle nam Pàrant ann am Bun Easain
"Fhuair sinn freagairt mhòr dha-rìribh agus bha 83% de dhaoine gu math taiceil ri sgoil ann am meadhan an eilein," thuirt cathraiche comhairle nam pàrant ann am Bun Easain, Iain Billard.
"Bhiodh e na atharrachadh mòr airson a' chuid a b' fheàrr."
Is tha e coltach gu bheil clann na sgìre ag aontachadh.
"Tha mise ga h-iarraidh ann an Creag an Iubhair oir tha mi a' smaointinn gum bi e math airson gach taobh den eilean," thuirt Emmanuelle, a tha na sgoilear ann am Bun Easain san Ros Mhuileach.
"Chan eil e ceart ma dh'fheumas daoine a dhol ceithir uairean air bus dìreach airson leth là aig sgoil," thuirt i.
Tha piuthair Emmanuelle, Acacia, a-niste aig aois àrd-sgoile agus roghnaich i gun a dhol gu Àrd-Sgoil an Òbain.
"Chaidh mi ann airson an là inntirigidh agam ann am P7 agus cha do chòrd e rium," thuirt i sa Bheurla.
"B' e am prìomh adhbhar gum bithinn air falbh bho mo theaghlach.
"'B e siud am prìomh adhbhar a dh'iarr mi ionnsachadh aig an taigh. An rathad sin dh'fhaodainn fhathast a bhith le mo theaghlach 's mi gam oideachadh.
"Ach 's e an droch rud mu bhith ag ionnsachadh aig an taigh, nach b' urrainn dhomh cumail orm ag ionnsachadh na Gàidhlig. Mar sin tha mi air mo chuid Ghàidhlig a chall a-niste."

Tha pàrantan san Ros Mhuileach ag ràdh gu bheil cho fada air falbh 's a tha an t-àrd-sgoil a' toirt buaidh mhòir air a' choimhearsnachd san sgìre
Tha beachd ann gu bheil buaidh aig an t-suidheachadh a th' ann chan ann a-mhàin air teaghlaichean ach air a' choimhearsnachd air fad.
Nam biodh an sgoil ùr ann am meadhan Mhuile is cothrom aig clann an eilein air fad a dhol ann seach cuid a bhith a' falbh gu tìr-mòr, tha beachd ann gun dèanadh e diofar mòr dha àitichean mar an Ros Mhuileach.
"Tha buaidh aige air a' choimhearsnachd ann an da-rìribh, nuair a dh'fhalbhas daoine, no a roghnaicheas iad gun fuireach an seo leis nach eil iad airson a' chlann aca a chur air falbh," thuirt Anne-Marie Rigby, a tha na pàrant ann am Bun Easain.
"Tha e trom ort a bhith a' cur do chuid chloinne air falbh aig aois 11.
"Tha e a' bualadh air a h-uile pàirt den choimhearsnachd.
"Fàgaidh gu leòr dhaoine ri linn sin - no roghnaichidh iad gun fuireach an seo."
Bun-sgoil Thobar Mhoire
Ach tha suidheachadh Bun-sgoil Thobar Mhoire cuideachd a' tighinn a-steach air a' ghnothach.
An-dràsta tha gach cuid bun-sgoil agus àrd-sgoil air an aon làraich ann an Tobar Mhoire.
Nam biodh àrd-sgoil ùr air a togail ann am meadhan an eilein, dh'fheumadh a' bhun-sgoil gluasad cuideachd, rud nach eil a' còrdadh ri pàrantan ann an Tobar Mhoire.
Is a rèir 's na chualas aig coinneimh de Chomhairle Coimhearsnachd Mhuile oidhche Chiadain, tha gu leòr san eilean nach eil a' tuigsinn gur ann mar sin a bhiodh e.
Bhruidhinn Tracy Mayo, a th' air Comhairle nam Pàrant, mu aithisg a rinn i mu bheachdan dhaoine san eilean.
Chruinnich i na beachdan sin bho na meadhanan-sòisealta agus bho phost-its a dh'fhàg daoine aig seiseanan fiosrachaidh na Comhairle.
Am measg nam prìomh rudan a nochd, bha nach robh, a rèir choltais, duine sam bith a' tuigsinn gum feumadh an sgoil air fad - bun-sgoil agus àrd-sgoil - gluasad gu aon làraich ùir.
Chuir Ms Mayo ris gum faodadh seo sgaradh adhbharachadh sa choimhearsnachd.
Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ron seo gun deach a dhèanamh soilleir bhon toiseach gur e modail stèidhichte air an t-suidheachadh a th' ann an-dràsta a dh'fheumadh a bhith ann, le campas bho aois 2-18.
Thuirt iad cuideachd ge b' i dè an làrach a bhios ann, nach tèid na togalaichean sgoile ann an Tobar Mhoire a chur gu feum tuilleadh.