Aiseag Uibhist a Deas "na phrìomhachas" do CMAL

MV Lord of the Isles
Fo-thiotal an deilbh,

'S e an Lord of the Isles a bhitheas air an t-seirbheis eadar Mallaig is Loch Baghasdal

  • Air fhoillseachadh

Tha CMAL a bhios a' cumail soithichean ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gu bheil aiseag ùr 'son slighe Loch Baghasdail na phrìomhachas dhaibh.

Ged a tha an obair-dealbhachaidh airson bàt-aiseig ùir deiseil, cha bhi maoineachadh ann air a son gu 2026.

Feumar cidhe ùr a thogail aig Gàsaigh ann an Loch Baghasdail cuideachd agus tha CMAL air a bhith ag ullachadh, taobh a-muigh airson sin mar thà, agus tha dùil ris a' phlana-gnìomha ro dheireadh an Fhoghair.

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gu bheil e na thoileachas gu bheil aiseag Uibhist a Deas a' faighinn prìomhachais.

"Tha sinn air a bhith a' còmhradh ri CMAL thairis air na mìosan a dh'fhalbh feuch an urrainear cùisean a thoirt gu buil nas tràithe," thuirt e.

Bha fearg air luchd-siubhail an Uibhist às dèidh mar a chaidh an MV Lord of the Isles a ghluasad a dh'Ìle an t-seachdain seo chaidh, a' fàgail slighe Mhalaig às aonais bàta gu Diardaoin seo tighinn.