An e obair air Cidhe Ùige a dh'fhàg gun do rinn stoirm milleadh nach b' àbhaist?

- Air fhoillseachadh
Tha dùil ri aithisg an t-seachdain seo a dh'innseas an e stoirm mhòr neo an leasachadh air Cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach as coireach ri milleadh air dà thogalach ri thaobh.
Nuair a bhuail Stoirm Ashley san Dàmhair an-uiridh chaidh pàirt de bhunait gnìomhachas crèadhaidh a sguabadh air falbh agus rinneadh milleadh mòr ann an stòr taigh-seinnse san robh biadh reòta air a chumail.
Chaidh cuideachd feamainn agus clachan a shadail a-staigh do ghàrraidhean leis a' mhuir.
Tha cuid ann an Ùige a' coireachadh mar a thug an obair leasachaidh aig a' phort buaidh air sruth na mara.
Tha iad ag ràdh gu bheil a' mhuir a' bualadh gu dona air an taobh den chidhe air a bheil na togalaichean nuair a tha gaoth mhòr bhon iar-dheas mar a bha le Stoirm Ashley.
- Air fhoillseachadh21 An Dàmhair 2024
- Air fhoillseachadh28 Am Màrt 2023
Thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Ùige, Sandra NicCoinnich: "B' àbhaist dhan uisge aig muir-làn a bhith a' dol fon chidhe ach chaidh na fosglaidhean a bh' ann a dhùnadh airson am bàta-aiseig a dhìon ach tha sin air gluasad an uisge atharrachadh."
Tha Comhairle na Gàidhealtachd, leis a bheil an cidhe, air a bhith a' cumail a-mach gur e buaidh na sìde garbh a bh' ann agus gu bheil droch stoirmean a' dol am miosad le blàthachadh na Cruinne.
An dèidh gearan oifigeil fhaighinn agus bagairt bho aon duine an toirt gu cùirt dh'aontaich an t-ùghdarras ionadail sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh.
Tha dùil gun tèid buil an sgrùdaidh sin fhoillseachadh an t-seachdain seo.
Tha a' Chomhairle Coimhearsnsachd an dòchas gum bi fuasgladh ann ma 's e agus gur e an obair air a' chidhe a bu choireach ris a' mhilleadh.
Thuirt Sandra NicCoinnich: "'S e trioblaid mhòr a tha seo do bheò-shlàint' dhaoine agus a-nis chan fhaigh na togalaichean seo àrachas."

Tha an trannsa do luchd-coise gu ruige a' bhàta-aiseig air a bhith dùinte on bhuail Stoirm Ashley an-uiridh
Tha ceist ann cuideachd an tèid trannsa ùr do dhaoine air chois eadar an oifis ùr aig CalMac agus ceann a' chidhe a chleachdadh gu bràth.
Rinn Stoirm Ashley milleadh air a' ghoireas nuair a dh'fhalbh grunnan de na panailean air a' mhullach leis a' ghaoith.
Cha deach feadhainn ùra a chur ann agus tha casg air a bhith air daoine bho bhith ga chleachdadh on uair sin.