Sgoil an Naoimh Cliamain: "Tha dragh iomchaidh orra"

Tha pàrantan air a bhith ag iomairt airson sgoil ùr fhaighinn airson 20 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Thuirt comhairliche gu bheil "draghan iomchaidh" air pàrantan mu na tha an dàin do Sgoil an Naoimh Cliaman ann an Inbhir Pheofharain.
Bha Sarah Atkin a' bruidhinn agus coinneamh ga cumail sa bhaile mar phàirt de cho-chomhairle air planaichean airson sgoil ùr a thogail an àite na tè a th' ann.
Bidh mu 50 duine-chloinne le feumalachdan sònraichte a' frithealadh na sgoile, agus an togalach a th' ann còrr is 100 bliadhna de dh'aois.
Tha cuid de na trannsaichean is dorsan mì-fhreagarrach airson chathraichean-cuibhle.
Tha pàrantan is daoine an sàs ann a bhith a' ruith na seann sgoile air a bhith a' gearain fad 20 bliadhna mun staid anns a bheil i, agus chuir iad fàilte air an naidheachd gu bheil sgoil ùr air fàire ged a bha draghan air cuid.
Chan eil goireas spòrs aca a-muigh a bharrachd, agus tha tighinn air a' chloinn, cuid a th' ann an cathraichean-cuibhle, a dhol gu pàirce Ross County airson geamaichean balla a chluich.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd air moladh bho chionn trì bliadhna gun robh iad a' dol a thogail sgoil ùr agus bha làrach air a taghadh air iomall a' bhaile aig Dabhach Gartaidh agus chaidh co-chomhairle a dhèanamh air sin.
Cha robh a t-airgead aig a' Chomhairle aig an àm airson gluasad air adhart leis a' phlana ge-tà.

Tha an Comh. Sarah Atkin ag ràdh gu bheil i a' tuigsinn an iomagain a th' air pàrantan
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean
A-niste tha plana às ùr aig a' Chomhairle airson sgoil ùr a thogail a bhios na pàirt de champas sgoile ann an Inbhir Pheofharain le bun-sgoil eile air an aon làraich.
"Tha làn-tuigse agam air iomagain nam pàrantan, oir tha iad a' faireachdainn gun deach gealltanas a thoirt dhaibh cho tric," thuirt an Comh Sarah Atkin.
"Ach a-niste tha an t-airgead againn airson sgoile ùire, ach tha iad a' ceasnachadh a bheil e dha-rìribh a' dol a thachairt? A bheil sinn a' faighinn èisteachd? An leigear sìos sinn uair eile?
"Tha dragh iomchaidh orra, oir 's iad seo cuid den chloinn a so-leòinte sa choimhearsnachd againn."
Dh'innis oifigearan na Comhairle a bh' aig a' choinneimh gu bheil an obair dealbhachaidh airson na sgoile ùire a' gluasad air adhart.
Bhiodh iad an dòchas tòiseachadh air obair-togail aig toiseach 2027, le dùil gum biodh an sgoil deiseil aig deireadh 2028.
Tha ailtire aca air a thaghadh agus tha a' Chomhairle air a bhith a' rannsachadh àitean eile leis an aon seòrsa siostaim far a bheil barrachd is aon sgoil air an aon làraich agus ma dh'fhaoidhte goireasan coimhearsnachd cuideachd.
Bhiodh luchd-obrach fa-leth aig an dà sgoil, agus dhearbh a' Chomhairle gum biodh rùm ann leudachadh a dhèanamh air gach sgoil nam biodh sin a dhìth.

Nochd cuid de phàrantan draghan mun bheachd seo airson dà sgoil fa leth gan togail san aon àite.
Bha iad a' faireachdain gun robh na chaidh a thabhainn dhaibh bho chionn trì bliadhna na b' fheàrr seach gum biodh barrachd rùm an sin airson cur ris an sgoil nam biodh sin a dhìth.
"S e an dragh as motha chanainn, meud na thathas a' moladh airson na làraich, gus dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan uile ann," thuirt Emma Pearce bho chomhairle nam pàrant aig Sgoil an Naomh Cliamain.
"An-dràsta, tha an togalach a th' ann gu math sean, 's gu leòr de ghoireasan a dhìth air, buannachdan leithid na bhiodh dùil agad riutha ann an sgoil àbhaisteach.
"Tha sinn air feum cho math 's as urrainn dhuinn a dhèanamh dheth, ach dha-rìribh b' e an sealladh againn airson an ama ri teachd a bhith a' lìbhrigeadh nan goireasan air fad a th' air a bhith a dhìth air a' chloinn, leithid gym sònraichte, agus cuid de na h-àiteachan a-muigh nach eil air a bhith ann."
Ged a tha pàrantan dòchasach gun tèid sgoil ùr a thogail, tha iad airson a dhèanamh soilleir gum feumar a dhèanamh ceart.
"Faigheamaid ceart e," thuirt cathraiche comhairle nam pàrant aig an sgoil, Avril Robasdan.
"Dèanamaid cinnteach gu bheil na goireasan seo uile ann agus dhaibhsan a-mhàin.
"Chan e goireasan a thèid a roinn le càch. Dèanamaid ceart e."
Mairidh a' cho-chomhairle chun an 3mh là den Damhair agus an dèidh sin thèid aithisg a chur gu Comataidh an Fhoghlaim airson aontachadh mar a thèid gluasad air adhart.