Piseach air seirbheis Taigh Shìophoirt a rèir luchd-sgrùdaidh

- Air fhoillseachadh
Fhuair aithisg Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil an t-seirbheis ann an Dachaigh-Cùraim Taigh Shìophoirt ann an Steòrnabhagh "math" neo "glè mhath" ann an còig roinnean.
Thuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh piseach fhathast a dhìth air dà phàirt eile den t-seirbheis.
Nochd iad dragh mun t-seirbheis an toiseach san Iuchar an-uiridh agus bha dà aithisg bhon uair sin air laigsean a chomharrachadh fhathast.
Thill an luchd-sgrùdaidh gun innse ro làimh aig toiseach an Ògmhios am-bliadhna.
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair 2024
Cho-dhùin an aithisg aca, taobh a-muigh gun robh an togalach fhèin agus an àrainneachd "glè mhath" agus mheas iad gun robh ceannas, luchd-obrach agus planadh na seirbheis "math" agus mar an ceudna an cùram a bha an luchd-còmhnaidh a' faighinn.
Bha iad "air an deagh choimhead às an dèidh", thuirt an aithisg, agus bha luchd-obrach a' dèiligeadh riutha le "coibhneas, co-fhaireachdainn agus spèis".
Fhuair an luchd-sgrùdaidh gun tàinig "piseach mòr" air mar a tha cungaidhean-leigheis cunbhalach gan toirt seachad agus gun robh daoine a' faighinn "nan drugaichean ceart aig an àm cheart''.
"Coibhneas, co-fhaireachdainn agus spèis"
Bha dà roinn far a bheil leasachadh a dhìth a rèir aithisg na Buidhne Sgrùdaidh.
Feumar pròtacal nas fheàrr nuair a gheibh neach-còmhnaidh cungaidh-leighis nach bi iad a' faighinn gu h-àbhaisteach gus am bi e "soilleir nuair a bhios sin a dhìth, dè thathar a' sùileachadh, buaidh an druga, agus na h-ath cheumannan mura bi e èifeachdach".
Tha leasachadh cuideachd a dhìth ann am planadh a' chùraim agus ath-sgrùdaidhean air an obair a bu chòir, tha an aithisg ag ràdh, a bhith "air an leasachadh le daoine aig an cridhe".
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil "aithisg an luchd-cùraim a' dearbhadh gun tàinig piseach mòr air seirbheis Taigh Shìophoirt".
Thuirt neach-labhairt: "Sheall na fhuair Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim gur e rùn nam manaidsearan agus an luchd-obrach san dachaigh an cùram as fheàrr a ghabhas a thoirt do gach neach a tha a' còmhnaidh ann."