Dhearbh SSEN nach tèid leasachadh aig an A832 air adhart gu 2026

Soidhne rathaid air an NC500
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh SSEN nach tèid an obair leasachaidh a bha iad an dùil a dhèanamh a bhiodh air pìos den A832 a dhùnadh idir air adhart gu toiseach na h-ath bhliadhn' aig a' char as tràithe.

Tha daoine ann an sgìre Dhun Dòmhnaill air a bhith mì-thoilichte mu na planaichean agus SSEN an dùil leasachadh a dhèanamh mu choinneamh càball bho na h-Eileanan an Iar a thoirt air tìr anns an sgìre agus a cheangal ri ionad-dealain sa Mhanachainn.

Thuirt a' chompanaidh dealain gun robh iad a' dèanamh seo an dèidh beachdan fhaighinn bho na coimhearsnachdan ionadail air an obair a bha iad a' dol a dhèanamh air saidhbhearan air cuibhreann trì mìle den t-slighe.

Thuirt iad gum feuchadh iad ri fuasglaidhean fhaighinn gus buaidh an obair-chàraidh air an rathad a lùghdachadh.

Cumaidh SSEN sreath de choinneamhan poblach san Dàmhair far am bi cothrom eile aig muinntir an àite na beachdan aca a thoirt seachad air na molaidhean agus thuirt iad gun sgaoileadh iad fios orra sin a dh' aithghearr.

Thuirt Niall MacLèoid bho SSEN gun robh iad airson taing a thoirt do dhaoine airson na beachdan aca air na bh' anns an amharc a thoirt seachad, agus gun robh a' chompanaidh a' coimhead air fuasglaidhean eile - leithid aona phàirt den rathad a bhith dùinte tron obair leasachaidh no a bhith ag obair tron oidhche.

Thòisich an luchd-còmhnaidh athchuinge agus iad a' cumail a-mach gun toireadh an dùnadh, air rathad a tha mar phàirt de shlighe turasachd an NC500, droch bhuaidh air seirbheisean ionadail

Thuirt am BPA airson sgìre Rois cuideachd gum bu chòir smaoineachadh a-rithist air na planaichean.

Dhearbh SSEN Diluain nach deadh an obair air adhart anns an Dàmhair agus gum biodh am Faoilleach 2026 ann aig a' char as tràithe mus deadh an obair a thòiseachadh.