Buidheann ùr 'son dèiligeadh ri trioblaidean trafaig a' Ghearasdain

- Air fhoillseachadh
Tha fòram còmhdhail ùr air tòiseachadh anns a' Ghearasdan is na trioblaidean trafaig a tha tric a' bualadh air meadhan a' bhaile gu bhith na phrìomhachas dhaibh.
Tha gearanan mòra air a bhith ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh is meadhan a' Ghearasdain tric air a thachdadh le càraichean tro mhìosan an t-samhraidh gu seachd àraid.
An-uiridh chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs feuch fuasgladh a lorg.
Chaidh buidheann a bha ag iomairt mun ghnothach - Fòram Còmhdhail Loch Abair - à bith ann an 2022 air sgàth dìth maoineachaidh.
Seonaidh MacCoinnich ag aithris às a' Ghearasdan an-uiridh is mì-thoileachas mòr ann mu thrioblaidean le trafaig
Ach leis an àireimh de dhaoine a tha a' tadhal air a' Ghearasdan ag èirigh, bha faireachdainn làidir sa bhaile gun robh feum air buidheann iomairt ùr a stèidheachadh.
'S e 'An Gearasdan Integrated Transport Forum' a tha iad a' gabhail air is bidh a' bhuidheann ag amas gu sònraichte air suidheachadh a' bhaile seach Loch Abar san fharsaingeachd.
Tha iad airson comhairlichean is comhairlean coimhearsnachd ionadail a thoirt ri chèile, còmhla ri buidhnean còmhdhail is luchd-cleachdaidh fhèin.

Am measg eile tha iad a' coimhead ri seirbheisean bus a leasachadh is barrachd thrèanaichean a chur air dòigh eadar an Gearasdan agus Gleann Fhionnainn agus Tulaich mar dhòigh air na th' ann de thrafaig a lùghdachadh.
"Tha tòrr amannan ann an clàr-ama na rèile nuair nach eil trèanaichean idir a' ruith," thuirt cathraiche an fhòraim, Ian Langley.
"Nam biodh seirbheis shuttle ann gu ruige Gleann Fhionnainn agus Tulaich can, bheireadh sinn trafaig far nan rathaidhean agus bheireadh e faochadh air trioblaidean pàircaidh."
Tha beachd ann cuideachd barrachd shoidhnichean a chur suas 'son luchd-turais a chuideachadh.
Choinnich a' bhuidheann ùr 'son a' chiad turas an t-seachdain seo is iad ag amas air an obair aca a leudachadh anns na mìosan ri tighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2024
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2024
- Air fhoillseachadh13 An t-Samhain 2024
- Air fhoillseachadh31 An Cèitean 2019