"Briseadh-dùil" gu bheil Oifis Puist Steòrnabhaigh ga reic

Oifis a' Phuist ann an SteòrnabhaghTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Thuirt BP nan Eilean Siar gur e briseadh-dùil a th' anns an naidheachd gu bheil Oifis a' Phuist a' reic Prìomh Oifis Puist Steòrnabhaigh, ach nach e iongnadh a th' ann.

Bha Torcuil Crichton a' bruidhinn agus Oifis a' Phuist air innse gu bheil iad airson an còrr "oifisean crùin" a tha fhathast aca - 108 dhiubh - a dhèanamh nan ceadachasan margaideachd (franchise) ron Fhoghar am-bliadhna.

Dheadh na h-oifisean a ghabhail thairis le gnothachasan mòra ceadachais mhargaideachd, no leis na maighstirean puist fhèin.

Tha dragh ann gun cuir seo suas ri 1,000 cosnadh ann an cunnart.

Tha Oifis a' Phuist a' dèanamh seo mar dhòigh air airgead a thogail airson pàigheadh mhaighstirean puist àrdachadh.

Gheall iad gum faigh coimhearsnachdan fhathast air seirbheisean Oifis a' Phuist fhaighinn " an dàrna cuid air an aon làraich, no faisg air làimh."

Torcuil Crichton BPTùs an deilbh, Torcuil Crichton BP
Fo-thiotal an deilbh,

Ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, air beulaibh Oifis Puist Steòrnabhaigh

Chuir Mgr Crichton fàilte air a' ghealltanas sin, ach thuirt e gu bheil ceist ann càite dìreach a bhios na seirbheisean stèidhichte 's gum feumadh a' choimhearsnachd a bhith "leagte ris an làraich sin."

"Aon uair 's gun deach innse gur e seo a bha fa-near dhaibh, cha robh coltas sam bith ann gun robh Oifis a' Phuist am beachd an inntinn atharrachadh," thuirt e.

"Tha an ìre dhragh a th' ann ga sealltainn le mar a fhreagair cha mhòr 600 duine athchuinge taobh a-staigh beagan uairean de thìde ag iarraidh gun deadh Oifis Chrùin Steòrnabhaigh a ghlèidheadh.

"Tha mi air an dragh sin a chur an cèill mar thà ri Oifis a' Phuist, agus bidh mi a' cur a dh'iarraidh fiosrachaidh mu na planaichean aca."

Thuirt Oifis a' Phuist gu bheil iad "a' cur dìon air cothrom air na seirbheisean againn do choimhearsnachdan air feadh na RA, agus a' fuasgladh £40m ann an sàbhalaidhean a leigeas leinn pàigheadh mhaighstirean puist àrdachadh suas ri 10%".

Ach thuirt Dave Ward bho Aonadh Luchd-obrach a' Chonaltraidh (CWU): "Tha mar a tha Oifis a' Phuist ag ràdh gun tèid na seirbheisean coimhearsnachd seo a ghlèidheadh tron mhodail cheadachais mhargaideachd aca a th' air fàiligeadh na adhbhar gàire do dhuine sam bith a chunnaic seirbheisean na h-oifis puist ionadail aca a lùghdachadh gu cùl bùtha.

"Tha mar a chaidh WH Smith a reic an t-seachdain seo chaidh a' sealltainn dìreach cho cugallach 's a tha am modal seo nach deach a smaoineachadh troimhe.

"'S e a th' ann ach làn-phrìobhaideachadh Oifis a' Phuist tron doras chùil."