Órla ag amas air tiotal Am Fuaighealaiche Amaitearach as Fheàrr am Breatainn

Órla
  • Air fhoillseachadh

Tha fuaighealaiche òg à Inbhir Nis an dòchas a' chùis a dhèanamh a-nochd sa chuairt dheireannaich de dh'fharpais a' BhBC The Great British Sewing Bee.

Bha Órla, 19, am measg an dusan a thòisich le dòchas san Iuchar san 11mh sreath den phrògram

Tha dithis eile, Caz agus Yasmin, cuideachd air an ìre mu dheireadh a ruighinn.

Chan eil cead aca cus a ràdh mu mar a chaidh dhaibh.

Bhruidhinn Órla ri BBC Naidheachdan san Iuchar nuair a thàinig an naidheachd a-mach gum biodh i am measg nam farpaiseach am-bliadhna.

Mhìnich i gun robh i a-riamh air smaoineachadh gur e rud a chòrdadh rithe a bhiodh ann.

"Bha mi ceart - bha e cho spòrsail! Chan eil cuimhne agam air tòrr dheth oir bha e cho intense!"

Na farpaisich
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich dusan farpaiseach san fharpais san Iuchar

Tha na sgilean aig Órla air mòr-mholadh fhaighinn bho na britheamhan, Patrick Grant agus Esme Young.

Fhuair i duais Culaidh na Seachdain airson a' chiad turas le èideadh spòrs a rinn i, agus a-rithist airson culaidh oillteil de dhoile mhòr le aodann cam agus putanan mar shùilean.

'S e sin a choisinn àite dhi san iar-chuairt dheireannaich. B' e cuspair na seachdain fasan nan 1920an agus rinn Órla dreasa a' comharrachadh nuair a fhuair boireannaich a' bhòt ann ann an 1928.

A-nis chan eil ach aon deuchainn ron oileanach òg airson sealltainn do na britheamhan gur i a tha airidh air a' phrìomh dhuais

Bidh am prògram ri fhaicinn beò oidhche Mhàirt air BBC 1 aig naoi uairean, agus air iPlayer a' BhBC.