Prògram leasachaidh £2bn san amharc aig Comhairle na Gàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air planaichean fhoillseachadh airson £2bn a chosg air pròiseactan leasachaidh thairis air 20 bliadhna le suimean mòra gan gealltainn 'son sgoiltean is rathaidean.
Thigeadh maoineachadh 'son nan leasachaidhean le airgead a ghabhail air iasad is 2% de na tha a' tighinn a-steach tro chìs na comhairle a chur gu feum.
Fo na planaichean, rachadh còrr is £1bn a chosg air sgoiltean uile gu lèir.
Tha gearanan mòra air a bhith ann mu staid sgoiltean na Gàidhealtachd is fiosrachadh a' sealltainn gu bheil mòran dhiubh aig ìre nas miosa na sgoiltean sa chòrr de dh'Alba.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum biodh iad a' coimhead air sgoiltean is ag amas air co-obrachadh le buidhnean eile gus ionmhas a lorg.
"Bheir sinn sùil air na sgoiltean a tha gu bhith anns a' phlana agus dè as urrainn dhuinn a bhith a' dèanamh anns na coimhearsnachdan far am bi iad ag iarraidh obair a dhèanamh", thuirt ceannard na comhairle, Reamonn Bremner.
"A bheil sinn gu bhith ag obair air an sgoil no a bheil sinn ag iarraidh sgoil ùr a thogail? No a bheil sinn ag iarraidh bruidhinn ri buidhean eile - 's dòcha Seirbheis na Slàinte, no a bheil sinn ag iarraidh leabharlainn no amar-snàimh?
"'S dòcha gum bi sinn ag iarraidh air seirbheisean a bhith a' tighinn còmhla", thuirt e.
Tha Màiri Riddoch air a bhith a' bruidhinn ri Reamonn Bremner mu phlanaichean Comhairle na Gàidhealtachd.
'S iomadh gearain a bh' ann cuideachd mu rathaidean na Gàidhealtachd.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gun rachadh £300 a chosg air rathaidean a leasachadh tron phlana seo.
A thuilleadh air sin, bhiodh £600m ann do phròiseactan calpa eile.
Thuirt an Comh. Bremner gu bheil e den bheachd gum bi taic ann am measg an t-sluaigh.
"2% air cìs na comhairle, chan eil sin ach 54sg gach seachdain ach ma gheibh thu lorg air na rudan a tha sinn gu bhith a' dèanamh: sgoiltean a thogail is rathaidean a chàradh is a h-uile càil mar sin, tha mi a' smaointinn gum bi daoine anns na coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd ag aontachadh leinn is ris na planaichean againn", thuirt e.
Thèid na planaichean air beulaibh chomhairlichean aig an làn-chomhairle air an 9mh den Chèitean.