CnES dòchasach nach lean lùghdachadh ann an àireamhan FtMG

Comhairle nan Eilean Siar
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' coimhead ri dòighean gus piseach a thoirt air àireamhan ann am foghlam Gàidhlig, ged a tha iad dòchasach nach e crìonadh leantainneach a tha ann an lùghdachadh de 12% de chloinn a' dol a-steach do FtMG am-bliadhna.

Sheall aithisg, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh Comataidh Gàidhlig na Comhairle Dimàirt gu bheil 42% de chloinn a thòisich sa bhun-sgoil anns na h-Eileanan san Lùnastal a' dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Bha seo sìos bho 54% ann an 2023/24.

Thug Comhairle nan Eilean Siar poileasaidh ùr a-steach ann an 2020 is clann a' dol taobh na Gàidhlig mura bi iarrtas ro-làimh gur ann gu foghlam Beurla a thèid iad.

Bha còrr is 50% ann am FtMG ann an 20/21 is 22/23, a thuilleadh air 2023/24, ged a bha an cuibhreann air tuiteam fo 45% ann an 21/22.

Ged a bha àrdachadh sa chuibhreann de chloinn ann am FtMG am-bliadhna ann an Sgoil Lìonail, Sgoil Ùige, is Sgoil Sir E Scott, bha lùghdachadh còrr is 10% ann an naoi sgoiltean eile.

Chuala a' choinneamh ge-tà, gu bheil coltas ann gun tug pàrantan a bhith a' roghnachadh an cuid chloinne a chumail air ais bliadhna - mura h-eil iad còig bliadhna a dh'aois aig toiseach Clas 1 - buaidh mhòr air an t-suidheachadh.

Bha àrdachadh bho 16 duine-cloinne san t-suidheachadh seo anns na h-Eileanan an Iar ann an 2023 gu 48 ann an 2024.

A rèir na h-aithisg, bha dùil gun rachadh 60% den chloinn a bha air an cumail air ais am-bliadhna gu FtMG.

Chaidh innse cuideachd nach deach ach àireamh bheag den chloinn a bha air an cumail air ais ann an 2023 ann am foghlam Gàidhlig.

Ach chaidh togail cuideachd air adhbharan eile a thug buaidh air a' chùis.

Dh'innis an aithisg gun robh "àireamh mhòr" de chloinn a bh' ann an sgoiltean-àraich Gàidhlig agus a chaidh às an sin gu Clas 1 tron Bheurla le bràithrean is peathraichean a bh' ann am FtMB mar-thà, is bha iad air a dhol dhan sgoil-àraich tron Ghàidhlig oir nach robh cùram-cloinne eile ann dhaibh aig an aois ud.

Tha an aithisg ag ràdh gum feum CnES a bhith ag amas air cloinn san t-suidheachadh sin is pàrantan a bhrosnachadh leantainn le Gàidhlig.

Chaidh innse cuideachd gun robh àireamh nas àirde ann am 2024 de chloinn le feumalachdan a bharrachd, is gu bheil pàrantan san t-suidheachadh seo "cha mhòr cinnteach" foghlam Beurla a thaghadh.

Feumar barrachd a dhèanamh, tha an aithisg ag ràdh, goireasan ASN tron Ghàidhlig a leasachadh is pàrantan a mhisneachadh an roghainn sin a ghabhail.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh leis a' chomhairliche Dòmhnall MacSuain

Ged a bha an crìonadh seo ann, thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig na Comhairle, Dòmhnall MacSuain, gum feum iad feitheamh chun na h-ath-bhliadhna gus am faic iad an e crìonadh dha-rìribh a th' ann.

"Bhiodh e furasta gu leòr dìreach feagal a bhith oirnn an-dràsta agus panic a bhith ann an-dràsta agus feuchainn ri cùisean a rèiteachadh, mar a tha mi ag ràdh cha bhi fios againn ceart chun na h-ath-bhliadhna, ach tha mi a' smaoineachadh gun robh tuigse ann fhathast aig a' choinneimh gum feum obair a bhith air a dhèanamh dìreach airson daoine a bhrosnachadh, misneachd a thoirt do phàrantan an cuid chloinne a chur ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus na buannachdan a tha a' tighinn an cois sin".

Chaidh ceistean a thogail aig a' choinneimh cuideachd mu ìre na seirbheis le pàrantan a' ceasnachadh dè cho math 's a tha am foghlam, agus cuideachd mun taic a tha ri fhaighinn do chloinn aig a bheil feumalachdan a bharrachd.

Thuirt Mgr MacSuain nach e rud ùr a th' anns na gearanan sin.

"Tha sin air a bhith a' dol a-riamh ge-tà - tha mi fhìn air a bhith ga chluinntinn anns an sgìre agam fhìn bho chionn iomadach bliadhna - daoine a' càineadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha iomadach adhbhar air a shon - nuair a tha thu ag obair aig ìre gu math beag le àireamhan beaga de dhaoine 's dòcha nach eil aon phàrant agus aon thidsear a' faighinn air adhart le chèile.

"Tha iomadach rud beag mionaideach a' toirt buaidh air cùisean.

"Mar a tha mi ag ràdh ge-tà, chan urrainn fios cinnteach a bhith againn air dè tha na staitistigs ag ràdh gus am bi barrachd na aon bhliadhna againn."

Am measg na chaidh a mholadh, bha gum bi coinneamhan ann le ceannardan-sgoile gus deasbad mar a thèid FtMG a bhrosnachadh.

Thathas a' moladh cuideachd obrachadh ri sgoiltean-àraich aig ìre thràth is conaltradh ri pàrantan mus dèan iad co-dhùnadh a thaobh foghlam an cuid chloinne.

Thèid cuideachd Là na Gàidhlig aig CnES san t-Samhain a leudachadh gu Seachdain na Gàidhlig leis an amas buannachdan FtMG a shanasachd.