"Seo an t-àm airson Seònaid NicLachlainn a thoirt air ais dhan Òban"

- Air fhoillseachadh
Fhad 's a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' dol air ais an t-seachdain seo dhan bhaile far an deach a stèidheachadh bho thùs, tha tilleadh dhachaigh sònraichte eile a' dol air adhart san Òban.
Bha àm ann nuair a bha Seònaid NicLachlainn ainmeil dha-rìribh ann an saoghal nan Gàidheal agus gu math nas fharsainge.
Rugadh i san Òban san Ògmhios 1866 agus thòisich i a' seinn nuair a bha i òg.
Bha an tàlant aice follaiseach gu math tràth, ach 's ann nuair a sheinn i aig a' chiad Mhòd sa bhaile ann an 1892 a thàinig cruth-atharrachadh air beatha Seònaid.
An làthair bha a' Bhana-phrionnsa Louise, a bha pòsta aig a' Mharcas Latharnach.
Às an seo dh'èirich cothrom do Sheònaid a bhith a' seinn air beulaibh na Banrigh Bhictòria ann am Baile Mhorail is bràist daoimean mar phrèasant.
Choisinn i cliù mar 'Smeòrach nan Gàidheal' is sheinn i aig cuirmean air feadh an t-saoghail.
Ann an 1899 chaidh a clàradh air gramophone ann an Glaschu, a' chiad turas riamh a chaidh òrain Ghàidhlig a chlàradh.
Chaochail Seònaid aig aois 49 sa Chèitean 1916 is i air fàs tinn air turas dhachaigh às an Fhraing tron Spàinn.
Bha na ceudan an làthair aig a tiodhlacadh is chaidh carragh-chuimhne dhi a stèidheachadh ann an Cladh Cathcart an Glaschu.
Ach ged a bha Seònaid cho ainmeil na là fhèin, bha i fhèin is na rinn i air a dhol air dìochuimhne aig mòran.
Tha sin air atharrachadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh le iomairt gus cliù Seònaid a thoirt am bàrr às ùr.
Màiri Anna NicUalraig a' seinn aig uaigh Seònaid sa Chèitean 2022 is e air a chàradh is air a chur suas a-rithist.
Shoirbhich le oidhirp gus a clach-uaighe a chàradh is a chur suas a-rithist, oidhirp a thàinig gu buil bho chionn dà bhliadhna.
Ach cha robh an luchd-iomairt deiseil aige sin.
Ag obair còmhla ri Stòrlann, chaidh stòras air-loidhne a tha ag innse stòiridh Seònaid, taobh a-muigh a chruthachadh.
San ùine ghoirid bho chaidh a chur air dòigh, chaidh na goireasan ionnsachaidh a luchdachadh a-nuas còrr is 11,000 turas.
"Tha e cho cudromach gu bheil daoine òga ag ionnsachadh mu bhoireannaich mar Sheònaid gus am bi iad moiteil às an dualchas is mothachail mu àite an dualchais ann an eachdraidh na Cruinne," dh'innis Màiri Anna NicUalraig, a tha air a bhith aig cridhe na h-iomairt gus sgeulachd Seònaid ath-bheothachadh.
"Nuair a smaoinicheas sinn air na cnapan-starra a tha mu coinneimh bhoireannach ann an saoghal a' chiùil fhathast, tha na rinn Seònaid gus soirbheachadh aig àrd-ìre ann an saoghal a bha a' coimhead sìos air boireannaich sam bith air an àrd-ùrlar dìreach iongantach".
Is tha Màiri Anna a-nise, còmhla ris an Dr. Priscilla Scott agus Marij van Helmond, os cionn taisbeanaidh mu bheatha Seònaid san Òban eadar an 5mh is an 20mh den Dàmhair.
'S e 'Smeòrach nan Gàidheal' a th' air an taisbeanadh aig togalach ChalMac sa bhaile.
"Tha mi a' faireachdainn gu bheil mi eòlach air Seònaid mar bhoireannach a-nise, seach mar phearsa ann an eachdraidh," thuirt Màiri Anna.
"Chaidh Seònaid a thiodhlacadh ann an Glaschu, cha do thill i dhachaigh. Leis a clach-uaighe a chur air dòigh is a-nise an taisbeanadh seo, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn air clach a chur air a càrn".

'S ann à Earra-Ghàidheal a tha an Dr Scott.
Thàinig i thairis air sgeulachd Seònaid an toiseach nuair a bha i ag obair air PHD.
"Bha mi a' coimhead air boireannaich a bha a' cur taic ri Gàidhlig ann an dòigh phoblach aig deireadh an 19mh is toiseach an 20mh linn is bha ainm Seònaid NicLachlainn a' nochdadh a-rithist is a-rithist.
"Cha robh fhios agam carson nach robh mi air an t-ainm sin a chluinntinn. Beag air bheag thàinig sgeulachd Seònaid a-mach is bha e dìreach iognantach."
Tha i ag ràdh gu bheil e cho freagarrach an taisbeanadh a chur air adhart a-nise ann am baile àraich Seònaid.
"'S ann anns a' bhaile nuair a bha i a' seinn ann an còisir na h-eaglaise a mhothaich daoine gun robh guth air leth aice, agus bha iad a' brosnachadh a pàrantan gus cead a thoirt dhi falbh airson trèanadh clasaigeach fhaighinn.
"Chaidh sgeulachd is ainm Seònaid NicLachlainn a chall. Chan eil fhios aig muinntir an Òbain mun rionnag seo a chaidh a thogail sa bhaile.
"Nuair a mhothaich sinn gun robh Mòd 2024 a' dol a bhith san Òban, bha sinn a' smaointinn gur e seo an t-àm airson Seònaid NicLachlainn a thoirt air ais dhan Òban".

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair 2020