Geug ùr do chraoibh-theaghlaich Seallam

Ionad Hebrides People
Fo-thiotal an deilbh,

Ionad Hebrides People Cò leis thu? anns an Taobh Tuath, na Hearadh

  • Air fhoillseachadh

Tha ionad 'Seallam' anns an Taobh Tuath, sna Hearadh, air ainm atharrachadh gu "Hebrides People Cò leis thu?" le planaichean aig a' bhuidhinn air a chùlaibh leasachaidhean a dhèanamh.

Thòisich Bill Lawson ag obair ann an 1981 mar cheannard phròiseactan an "Integrated Development Programme" airson nan Eilean Siar. Thug seo cothrom dha gluasad dha na h-eileanan, agus nuair a thàinig am pròiseact sin gu ceann, cha robh e airson fàgail.

Ghluais Bill dhan Taobh Tuath, ann an ceann a deas na Hearadh far an tug e thairis an t-seann sgoil agus an t-seann taigh-sgoile.

Thòisich Bill agus a' bhean aige, Chris, nach maireann, gnothachas, a’ coimhead air sloinntireachd agus a’ cruthachadh thaisbeanaidhean mu na Hearadh agus na h-eileanan eile timcheall air.

Thòisich Comann Dualchais an Taobh Tuath ann an 1996 airson dìleab Bill is Chris a ghabhail os làimh agus às an sin chaidh Ionad Seallam a thogail ann an 2000.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Bill air an t-uabhas rannsachaidh a dhèanamh mu eachdraidh na Hearadh

A' leudachadh ‘Hebrides People’

Fhuair Hebrides People Cò leis thu? taic-airgid bho Mhaoin Fearainn na h-Alba ann an 2022, airson an t-seann taigh-sgoile agus an talamh air a bheil an t-ionad a cheannach.

Thuirt Stephen MacFhionghain, Manaidsear Gnothachais Hebrides People: “An t-airgead a fhuair sinn airson nam planaichean, tha sin air leigeil leinn faighinn gu deireadh RIBA (Royal Institute of British Architects) trì agus ceithir gus cur airson cead-dealbhachaidh on Chomhairle.

“Tha sinn an dùil am maoineachadh calpa a tha sinn an dòchas a chur ri chèile an dèidh sin a chleachdadh gus an t-ionad a leudachadh.

Thuirt e gu bheil planaichean ann airson taisbeanaidhean ùra eadar-ghnìomha a chur ris mu na Hearadh agus na h-eileanan, seòmar-teatha beag, àiteachan airson cluiche agus foghlaim a-muigh do chloinn, slighean-coiseachd agus àiteachan-fuirich do dh’oileanaich.

“Tha sinn an dòchas àiteachan-fuirich do dh’oileanaich a thogail eadar an t-ionad ‘s an seann taigh-sgoile airson cothroman rannsaicheadh agus foghlaim a thabhainn,” thuirt e.

Cha ghabh am post Facebook seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Facebook
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Leum thairis air bhideo facebook le BBC Naidheachdan

Cead do stuth Facebook?

Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Deireadh bhideo facebook le BBC Naidheachdan

Tha Comann Dualchais an Taobh Tuath air taic fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig airson clasaichean Gàidhlig a chur air dòigh aig Hebrides People Cò leis thu? ann am com-pàirteachais le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.

Fhuair iad taic-airgid bho ChnES airson na cosgaisean aig gach oileanach a th’ air an clas Ghàidhlig a phàigheadh.

Thòisich na clasaichean Gàidhlig anns a' Ghearran, air an teagasg le Aileen NicSuain, 's iad a’ cleachdadh nan goireasan aig Speak Gaelic.

Fo-thiotal an deilbh,

Clas Gàidhlig ann an ionad Hebrides People Cò leis thu?

Tha iad cuideachd an dùil crìoch a chur air an làraich-lìn aca, hebridespeople.com, gus am bi stòr-dàta sloinntireachd ùr aca. Bheir sin tuilleadh fiosrachaidh do dhaoine a tha a' coimhead airson eachdraidh nan teaghlaichean aca.

Tha Bill fhathast gu bhith a' cumail air leis an rannsachadh aige fhèin.

Thuirt e: “Tha mi a’ dèanamh fiughair gum faic mi na nì iad. Gheibh iad taic bhuam, ach chan e mise a nì e!”