Ath-sgrùdadh o ChalMac air aiseag Chille Chòmhain

Coinneamh
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Caledonian Mac a' Bhuthainn gun dèan iad ath-sgrùdadh air mar a tha iad a frithealadh Cille Chòmhain nuair a tha an soitheach a tha a' seòladh gu Tobar Mhoire ga gluasad gu slighe eile rè ùine.

Nochd mu 70 neach à sgìre Chille Chòmhain Diardaoin aig coinneimh ri àrd-oifigear Chal Mac Robbie Drummond.

Chaidh mìneachadh do Mgr Drummond na duilgheadasan a tha e ag adhbhrachadh anns an sgire nuair nach urrainn càraichean an t-seirbheis aiseig a chleachdadh.

Chaidh an t-aiseag chàraichean a thoirt far na slighe eadar am baile agus Tobar Mhoire na bu thràithe air a' mhìos seo.

Chuireadh aiseag airson luchd-coise a-mhàin air an t-slighe na àite.

Tha a' choimhearsnachd air a bhith a'gearan gu bheil seo air leth mì-ghoireasach, agus gu bheil aig daoine a-nis ri draibheadh dà uair de thìde chun a' Ghearasdain seach a bhith a' gabhail an aiseig dhan bhaile as fhaisge orra.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an t-aiseag a bha comasach air càraichean a ghiùlain a thoirt far na slighe.