SSEN a' gealltainn 300 obraichean ùra an cois leasachaidh £450m mu thuath

- Air fhoillseachadh
 
Dh'innis a' chompanaidh cumhachd SSEN gun cosg iad £450m a' leasachadh lìonra an dealain ann an sgìre mhòr de dh'Alba agus gun tèid co-dhiù 300 obraichean sgileil a chruthachadh.
Tha an obair seo a dhìth, tha iad ag ràdh, mar phàirt den t-strì an an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.
'Se Ceann a Tuath na h-Alba a th' aca air an sgìre ceadachd seo a tha a' dol bho Dhùn Dè agus Earra-Ghàidheal aig deas suas gu Arcaibh agus Sealtainn agus a' toirt a-steach a' Ghàidhealtachd agus na h-eileanan Albannach air fad.
Thuirt iad gum bi 77 de na h-obraichean ùra sin sna h-Eileanan an Iar.
Am measg nan companaidhean a choisinn cùmhnant leotha tha Macaulay Askernish Ltd à Uibhist a Deas.

Tha SSEN ag ràdh gum bi "grunn bhuannachdan do dhaoine agus do ghnìomhachasan agus coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd" an cois na h-obrach.
Thuirt iad gum faigh 800,000 luchd-cleachdaidh sa cheann a' tuath de dh'Alba buannachd à lìonra dealain nas seasmhaiche.
Thuirt Rùnaire eadar-amail a' Chumhachd agus Carbon Neodrach, Gillian Martin:
"Tha leasachadh nach beag a dhìth air siostam an dealain airson eaconamaidh na h-Alba a dhì-charbonachadh gus an tèid aig an lìonra ri coinneachadh ris an iarrtas a bharrachd a tha gu bhith aig luchd-cleachdaidh."

Tha Fraser Wilson, Àrd Mhanaidsear Conaltraidh aig SSEN, ag ràdh: "Aig àm èiginn na h-aimsire neartaichidh seo an lìonra, ga dhèanmh nas seasmhaiche.
"Leis gu bheil daoine gu bhith a' cur feum a bharrachd air dealan leis a' ghluasad bho chàr peatrail gu EV, no a bhith a' cur pumpa-teasachaidh a-staigh an àite goileadair gas tha e a' ciallachadh gum bi an cumhachd a bhios a dhìth ann dhaibh."
Dh'fhoillsich SSEN roimhe gun cosg iad £20bn airson lìonra an dealain sa cheann a tuath de dh'Alba ùrachadh.
Tha grunn phròiseactan air tòiseachadh mar thà, nam measg an obair gus loidhnichean dealain ùra a thogail eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Cille Chuimein.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Dùbhlachd 2023
 
