"Thàinig orra teicheadh le am beatha"

TeineTùs an deilbh, Stèisean Smàlaidh Coimhearsnachd Drochaid Chàrr
  • Air fhoillseachadh

Tha sùil fhathast ga cumail air làraichean teintean mòra monaidh a rinn sgrios ann am Moireibh air an deireadh-sheachdain.

Tha luchd-smàlaidh is geamairean air a bhith ag obair ann an suidheachaidhean a bha aig amannan "uabhasach cunnartach" gus na teintean fhaighinn fo smachd.

Bha sgiobannan smàlaidh a-muigh tron oidhche a-rithist air Mòinteach an Damhath agus ann an sgìre Dhulais, ach thàinig na h-uimhir de dh'fhaochadh le uisge a thuit thar na h-oidhche.

Bha 30 carbad-smàlaidh bho air feadh Alba an làthair aig aon àm, 's bha heileacoptairean gan cleachdadh airson uisge a leagail air na teintean bhon adhar.

Tha dùil a-niste gu bheil na teintean fo smachd, ach tha an t-seirbheis ag ràdh gum faodadh gabhail beag teine tòiseachadh às ùr thall 's a-bhos airson grunn seachdainean fhathast.

Gaoth

Tha na teintean seo air dùbhlan gu math mòr a chur ron fheadhainn a bha a' sabaid gus an cur fo smachd.

"Tha sinn air a bhith ag obair an ceithir là agus oidhche mu dheireadh," thuirt Calum Kippen, a tha na gheamair 's a bha a' cuideachadh na h-iomairt.

"Bidh sinn ag obair tron oidhche oir tha e gu math nas fhionnaire, 's mar as trice cha bhith a' ghaoth cho làidir.

"Disathairne ge-tà, bha e uabhasach cunnartach.

"Bha sinn ag obair ann an gaoth eadar 40 is 50 mìle san uair.

"Gun teagamh, chuala mise mu thrì tursan a thàinig air an Luchd-smàlaidh agus na geamairean a bha an sàs teicheadh le am beatha."

Carbadan-smàlaidhTùs an deilbh, Stèisean Smàlaidh Coimhearsnachd Inbhir Narann
Fo-thiotal an deilbh,

Aig aon àm bha 30 carbad-smàlaidh an làthair o air feadh na h-Alba

Nàdar

Tha dragh air a' bhuidhinn Trees For Life gun toir e ùine mhòr mus bi nàdar air faighinn seachad air na thachair.

"Chì sinn tòrr mhamalan beaga 's eòin ghrunnachaidh nach eil air an nead fhàgail fhathast, gu mì-fhortanach nach bidh air faighinn air falbh on teine," thuirt Ailean MacDhòmhnaill bhon bhuidhinn.

"Mamalan nas motha, fhad 's a dh'fhaodadh iadsan a bhith air teicheadh, bidh iad air an ruaigeadh gu àiteachan ùra air nach eil iad eòlach, 's bidh iadsan a' rùraich airson biadh is fasgadh fhaighinn.

"Thig siostaman nàdair air ais ri chèile caran sgiobalta, so bu chòir gum faic sinn glasach a' tilleadh ro dheireadh an t-samhraidh, feur is fraoch a' tilleadh, 's ògain bheaga chraoibhe cuideachd bho shìol.

"Ach tha e nas duilghe innse dè thachras an dèidh sin."