Sgrùdadh às ùr 'son deugaire an Leòdhas dà mhìos on chaidh e a dhìth

Aleksandr BengaTùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Chan fhacas Aleksandr Benga bhon t-Samhain an uiridh

  • Air fhoillseachadh

Thèid oidhirp às ùr a dhèanamh air an deireadh-sheachdain gus lorg fhaighinn air Aleksandr Benga, 16, a chaidh a dhìth ann an Leòdhas bho chionn còrr air dà mhìos.

Rinneadh iomairt air loidhne feuch airgead a thogail airson sgioba le coin shònraichte a thoirt a Steòrnabhagh.

Chaidh an deugaire fhaicinn mu dheireadh sa Ghearradh Chruaidh an Steòrnabhagh aig beagan ro naoi uairean sa mhadainn air an 18mh den t-Samhain an-uiridh.

Chuireadh iomairt mhòr air chois gus a lorg san robh luchd-teasairginn, oifigearan poilis bho thìr-mòr, coin rannsachaidh agus dàibhearan nam poileas uile an sàs.

Chaidh sin a thoirt gu ceann às dèidh cola-deug.

A-nis an dèidh do dh'airgead a bhith air a thogail tro iomairt air na meadhan sòisealta bidh sgioba bhon bhuidhinn 'Specialist Search Dogs' a' tòiseachadh iomairt rannsachaidh ùr Dihaoine a mhaireas trì là slàn

Thuirt Poileas Alba nach eil iad gu dìreach an sàs san iomairt seo, ach gu bheil oifigearan ri fhaotainn airson taic ma tha sin a dhìth.