Dh'iarr luchd-smàlaidh barrachd airgid 'son dèiligeadh ri teintean monaidh

Teine mòintich ann an Gleann Dail san Eilean SgitheanachTùs an deilbh, SAM BILNER
Fo-thiotal an deilbh,

Teine mòintich ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr aonadh an luchd-smalaidh, an FBU, barrachd maoineachaidh dhan t-seirbheis an Alba airson dèiligeadh ri teintean monaidh.

Tha cunnart mòr, taobh a-muigh ann Diciadain agus nas àirde buileach Diardaoin gun sgap teintean air a' bhlàr a-muigh.

Chaidh an loidhne rèile eadar Malaig agus an Gearasdan a dhùnadh Dimàirt air sgàth teine eile faisg air Mòrar.

San Eilean Sgitheanach chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu teine ann an sgìre Ghleann Dail aig 4:20m Diciadain às dèidh do theine tòiseachadh mu 12:00f Dimàirt.

Teine mòintich ann an Gleann Dail san Eilean SgitheanachTùs an deilbh, SAM BILNER
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cunnart mòr gum bi teintean air a' bhlàr a-muigh Diciadain agus Diaordaoin a rèir an rabhaidh as ùire

Bha criuthaichean smàladh à Dùn Bheagain, Port Rìgh agus Caol Loch Aillse an sàs san iomairt smachd fhaighinn air an teine, agus tha iad a-nis air an làrach fhàgail.

Tha an FBU ag ràdh gu bheil dìth luchd-obrach uaireannan ga fhàgail duilich dhaibh dèiligeadh ri teintean monaidh.

Thuirt Rùnaire an FBU an Alba, Iain MacCoinnich: "Tha sinn a' bruidhinn air seirbheis a tha a' fastadh nas lugha na 7,000 duine agus tha sinn air còrr is 1,200 dreuchdan a chall sna 12 bliadhna a dh'fhalbh.

"Tha buaidh fìor mhòr aig an sin air cho comasach 's a tha e dhuinn dèiligeadh ri cùisean.

"'S ann a tha seo mu mhaoineachadh airson barrachd luchd-smàlaidh fhastadh airson dèiligeadh nas fheàrr ri suidheachaidhean èiginn.

"Tha e cho sìmplidh sin," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh an t-airgead do Sheirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba air a dhol suas £18.8m am-bliadhna.

Teine mòintich ann an Gleann Dail san Eilean SgitheanachTùs an deilbh, SAM BILNER
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an teine an sgìre Ghleann Dail a-nis fo smachd