Gearraidhean air fàire aig Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na GàidhligTùs an deilbh, Bòrd na Gàidhlig
  • Air fhoillseachadh

Caillidh triùir na cosnaidhean aca aig Bòrd na Gàidhlig ri linn gearraidh de £354,000 far bhuidseit na buidhne.

A rèir tuigse a’ BhBC, cha tèid cùmhnantan ùrachadh aig dithis oifigearan phlanaichean cànain agus manaidsear foghlaim a dh’fheumas obair ùr a lorg bhon Ghiblean.

A bharrachd air sin, thig sgeama nan oifigearan Gàidhlig gu crìch, a’ fàgail gun caill grunn dhaoine na cosnaidhean aca aig buidhnean coimhearsnachd air feadh na h-Alba.

Sin a dh’aindeoin ’s gun can am buidseat air am bhòt Buill na Pàrlamaid Albannaich an-diugh gum fuirich buidseat a’ Bhùird aig an aon ìre – £5,125,000 – agus a bha e an-uiridh.

Ach thugadh airgead a bharrachd do Bhòrd na Gàidhlig anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh nach fhaigh a’ bhuidheann ann an 2024/25.

A rèir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba, taobh a-muigh , fhuair am Bòrd:

  • £400,000 a bharrachd airson 2021/22

  • £500,000 airson 2022/23

Dhearbh am Bòrd fhèin gun d’fhuair a’ bhuidheann £354,000 a bharrachd airson 2023/24.

Thugadh an t-airgead sin don Bhòrd, a rèir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba, 'gus taic a chur ri cosnaidhean a bharrachd agus cosnaidhean nan Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig a leudachadh’.

A-nis, cha tèid an leudachadh nuair a thig maoineachadh na bliadhna seo gu ceann.

Tùs an deilbh, Getty

'S e briseadh-dùil a bhios ann an seo gu sònraichte don fheadhainn a chailleas an cuid chosnaidhean agus do na coimhearsnachdan a fhuair buannachd às an obair aca.

Tha e a’ tachairt fhad ’s a tha Riaghaltas na h-Alba a’ feuchainn ri Bile ùr nan Cànanan Albannach a chur tron Phàrlamaid.

Bheireadh am bile dleastanasan ùra do Bhòrd na Gàidhlig. Bhiodh aig a’ Bhòrd, mar eisimpleir, ri dragh a thogail leis a’ Phàrlamaid mura h-eil buidhnean poblach a’ coileanadh an dleastanais fhèin a thaobh na Gàidhlig.

Mar sin, bidh ceist air mòran carson a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gearradh maoineachadh a’ Bhùird aig àm nuair a tha ministearan airson cur ri obair a’ Bhùird.

Bòrd na Gàidhlig ‘Diombach’

Chan eil Bòrd na Gàidhlig fhèin air an dòigh.

Thuirt labhraiche na buidhne: ‘Tha Bòrd na Gàidhlig gu math diombach gu bheil sinn san t-suidheachadh seo, agus ag aithneachadh na buaidh a bheir an naidheachd seo air ar co-obraichean agus ar coimhearsnachdan.

‘Leanaidh sinn oirnn a’ dèanamh na cùise do Riaghaltas na h-Alba gu bheil tuilleadh maoineachaidh riatanach gus taic a thoirt do dh’obair Bhòrd na Gàidhlig agus bhuidhnean Gàidhlig thar ar coimhearsnachdan’.

Tha e follaiseach nach ann air a’ Bhòrd a-mhàin a bhios an diomb.

Tha Comataidh Foghlaim na Pàrlamaid a’ trusadh bheachdan air a’ bhile, taobh a-muigh gus an 8mh den Mhàrt.