Ceistean mu Bhile nan Cànanan Albannach
- Air fhoillseachadh
Thuirt Comann nam Pàrant Nàiseanta gur e briseadh-dùil a th' ann nach eil còir air foghlam Gàidhlig ann am Bile nan Cànanan Albannach, ged a tha iad misneachail mu na h-uimhir de rudan eile a nochd ann.
Chaidh am bile, taobh a-muigh fhoillseachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil am bile a’ toirt inbhe oifigeil do Ghàidhlig agus Albais agus a’ dèanamh atharrachaidhean air an taic a chuirear ris na cànain.
Am measg eile, bheir e cothrom do chomhairlean ionadail sgìrean sònraichte ainmeachadh far am faodadh a' Ghàidhlig tuilleadh taic fhaighinn.
Bha luchd-iomairt air iarraidh gum biodh còir laghail air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhile.
Tha tàire air a bhith aig mòran le oidhirpean toirt air comhairlean aonadan Gàidhlig a stèidheachadh, no àite fhaighinn dhan chuid chloinne ann an aonadan no sgoiltean Gàidhlig a th' ann.
"Tha làn-ùine gum biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an lagh a-nise", thuirt Dùghlas Moireasdan, aig a bheil clann ann an FtMG aig ìre na h-àrd-sgoile ann an Glaschu.
"Sin an aon dòigh nam bheachd-sa a tha sinn a' dol a thoirt air na daoine le dleastanas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chur air dòigh na cuspairean, na tidsearan, na togalaichean airson na cloinne a tha ag iarraidh a-staigh.
"Na dòighean a tha a' dol an-diugh, bha iad a' dol 20 no 30 bliadhna air ais, na h-aon duilgheadasan.
"Tha rudeigin ceàrr air an t-siostam nuair a tha sinn fhathast a' bruidhinn mu dheidhinn", thuirt e.
Neartachadh
Aig an dearbh àm, tha ceistean air cuid eile am biodh e comasach còir laghail air FtMG a thoirt a-steach air feadh na h-Alba is trioblaid ann mar-thà le gainnead thidsearan, am measg eile.
Tha Mgr Moireasdan ag ràdh co-dhiù gum biodh dleastanas air na h-ùghdarrasan dèiligeadh ris na cnapan-starra a th' ann nam biodh còir laghail air FtMG ann.
Ach ged nach robh iomradh air còir laghail ann am Bile nan Cànanan Albannach, tha Comann nam Pàrant Nàiseanta a' faicinn chothroman na chois.
"Ged a 's e briseadh-dùil a th' ann nach robh còir laghail ann, tha sinn toilichte gu bheil rudan eile ann a bhios uabhasach feumail a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig", thuirt ceannard Chomann nam Pàrant Nàiseanta, Magaidh Wentworth.
"Tha còirichean airson ionnsachadh anns na tràth-ìrean sa bhile is tha sin uabhasach cudromach. Tha còirichean ann a thaobh siubhail, is tha còirichean a-nise ann a thaobh an dleastanais a bhios air na h-ùghdarrasan ionadail airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad agus taic a chumail ri pàrantan", thuirt i.
Dh'innis a' Bh-Ph. Wentworth gum bi a' bhuidheann a-nise a' coimhead air a' bhile gu mionaideach mus tèid iad an sàs san deasbad mar a thèid e tron phròiseas phàrlamaideach.
Thuirt i gum bi oidhirp ann tron phròiseas sin cuid de na gnothaichean sa bhile a neartachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Samhain 2023
- Air fhoillseachadh30 An t-Samhain 2023