Feum air atharrachaidhean bunaiteach a thaobh aiseagan

MV Lord of the Isles
  • Air fhoillseachadh

Tha feum air atharrachaidhean bunaiteach air an dòigh anns a bheil seirbheisean aiseig an taobh siar gan ruith, a rèir comataidh aig Holyrood.

Fhuair Comataidh na Còmhdhail gum bi coimhearsnachdan eileanach ann an cunnart mura tachair sin.

Ann an aithisg ùr, taobh a-muigh, tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil duilgheadasan mòra ann le cho sean 's a tha bàtaichean ChalMac. Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil gainnead de shoithichean a' fàgail nach eil an lìonra comasach air dèiligeadh ri trioblaidean sam bith a nochdas.

Thog buill na comataidh draghan cuideachd mu shiostam nan aiseagan is iad ag ràdh gu bheil e a' ciallachadh gu bheil diofar bhuidhnean buailteach a bhith a' coireachadh cach a chèile.

Mhol iad gum bu chòir do CMAL a dhol na phàirt de Chòmhdhail Alba ann am buidhinn air am biodh Aiseagan na h-Alba.

Tha a' chomataidh ag ràdh gum biodh mar sin barrachd tuigse aig Còmhdhail Alba mu shuidheachadh nan aiseasgan is gum biodh e nas soilleire cò air a bheil dleasdanas airson ghnothaichean aiseig.

Fiona HyslopTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Ministear ùr na Còmhdhail, Fiona Hyslop. Tha an aithisg ag innse gun robh ochdnar san dreuchd san deich bliadhna mu dheireadh.

A thaobh nam bàtaichean fhèin, tha an aithisg ag ràdh gu bheil na soithichean a tha CalMac is North Link a' cleachdadh sa chumatas 24.5 bliadhna a dh'aois.

Dh'iarr a' chomataidh gum mìnich Riaghaltas na h-Alba gu mionaideach mar a ghabhas sin a lùghdachadh gu 15 bliadhna.

Tha iad ag ràdh cuideachd gum bu chòir aiseagan ùra a bhith air an dealbh ann an dòigh is gum bi e nas fhasa an cleachdadh air feadh an lìonra.

A thuilleadh air sin, thog iad air na th' ann de dhaoine a tha air a bhith ann an dreuchd mhinistear na còmhdhail anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt cathraiche na comataidh, Èideard Mountain, gu bheil seo a' ciallachadh nach eilear a' dèiligeadh ri trioblaidean a tha a' nochdadh.

Thuirt Mgr Mountain gu bheil eòlas aig ministear ùr na còmhdhail, Fiona Hyslop, air an t-suidheachadh is i roimhe na leas-chathraiche air a' chomataidh fhèin, is gu bheil buill a' guidhe gach soirbheas dhi.

Soidhne
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mì-thoileachas mòr mu thrioblaidean ann an Uibhist a Deas gu seachd àraid an-dràsta.

A dh'aindeoin gach trioblaid a thog aithisg na comataidh, tha iad a' moladh gum bu chòir cùmhnant nan aiseasgan a thoirt do ChalMac fad deich bliadhna eile.

Thuirt iad gu bheil seo cudromach a thaobh leantalachd is gus barrachd troimh-chèile a sheachnadh.

Thig cùmhnant nan aiseagan gu ceann san Dàmhair 2024.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan ge-tà, chuir Buidheann Aiseig Ghnothachasan Loch Baghasdail an aghaidh sin is iad ag ràdh nach eil CalMac idir comasach seirbheis cheart a thoirt seachad.

Chuir a' bhuidheann taic ge-tà, ri tòrr de na molaidhean eile san aithisg.

Aig an dearbh, thuirt am BPA Làbarach, Katy Clark, gum feum Riaghaltas na h-Alba taic-airgid èiginneach a lorg gus bàtaichean a bharrachd fhaighinn, is ma dh'fheumas iad, taic iarraidh bho Westminster.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur fàilte air an aithisg is gum beachdaich iad oirre gu faiceallach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo