"Gnìomh a dhìth" mu choinneimh chrìonadh sluaigh

Thàinig lùghdachadh cuideachd air àireimh luchd-labhairt na Gàidhlig anns an h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh
Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar gun do dhearbh figearan a' chunntais-shluaigh an rud air an robh fios aca mar-thà - sin gu bheil sluagh nan Eilean Siar a' crìonadh agus gu bheil feum air gnìomhan airson dèiligeadh ris.
Sheall an cunntas-sluaigh, a chaidh a dhèanamh ann an 2022, gur ann anns na h-Eileanan Siar a bha an crìonadh sluaigh as motha a-mach às a h-uile sgìre chomhairle ann an Alba - sin 5.5%.
Thuirt Pòl Steele gu bheil e air a bhith soilleir bho chionn ghrunn bhliadhnaichean gu bheil sluagh nan Eilean Siar a' gluasad an taobh cheàrr.
Tha feum air barrachd dhaoine aig aois obrach thuirt e, agus teaghlaichean a bhith a' togail chloinne nan coimhearsnachdan.
Tha pròiseactan taigheadais, leasachadh eaconomaich agus foghlaim a' leantainn, thuirt e, agus gu bheil sin a' toirt adhbhar do dhaoine fuireach anns na h-Eileanan Siar, neo a bhith a' tilleadh neo a' gluasad dhan sgìre às ùr.
Thuirt e gu bheil an crìonadh a thàinig air àireimh luchd-labhairt na Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar ceangailte ri mar a tha sluagh nan eilean san fharsaingeachd air tuiteam.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2024
