Dùil gun tèid a' chìs-chomhairle suas 8% anns na h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Dhearbh neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar gun tèid moladh a' chìs-chomhairle san sgìre a chur an-àirde 8%.
Bha Coinneach MacLeòid a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain is Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, air co-chomhairle ùr a chur air chois mu shiostam chìsean ionadail nas cothromaiche a thoirt a-steach an àite na cìse-comhairle
Tha i ag ràdh gun obraich i còmhla ri Cosla airson comhairle fhaighinn bho eòlaichean air a' chùis.
Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil esan den bheachd gun cuireadh a h-uile comhairle ann an Alba fàilte air cothrom coimhead às ùr air an t-siostam a th' ann.
Tha e ag ràdh gu bheil gu leòr a' faireachdainn nach eil an siostam a th' ann a thaobh na cìse-comhairle cothromach dhan a h-uile duine, is gu bheil an t-àm ann coimhead ris a-rithist.
Chaidh faighneachd de Mgr MacLeòid cuideachd mu phlanaichean Comhairle nan Eilean Siar airson na bliadhna-ionmhais seo tighinn.
Coinnichidh buill ann an cola-deug airson buidseat na h-ath bhliadhna aontachadh.
Coinneach MacLeòid a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain
Dh'innis àrd-oifigear ChNES do BhBC Naidheachdan air a' mhìos seo chaidh nach urrainn dhaibh cumail orra le gearraidhean gach bliadhna agus na seirbheisean riatanach aca a chumail a' dol.
Thuirt Malcolm Burr gu bheil aca ri sàbhalaidhean £4m a lorg aig an ìre seo is a h-uile coltas gum biodh àrdachadh sa chìs-chomhairle ann.
Tha Coinneach MacLeòid a-nise ag ràdh gur e àrdachadh 8% a thèid a mholadh.
"Tha fios gu bheil sin àrd ach tha cuid de chomhairlean eile a' coimhead ri 10%," thuirt e.
"'Son nam beàrnan a th' againn anns na buidseatan againn feumaidh sinn airgead a thoirt à àiteigin.
"Tha sinn an dòchas le mòladh gu bheil a' chìs a' dol suas 8% gum bi sinn a' toirt seachad seirbheisean aig an aon ìre.
"Chan urrainn dhomh gealltainn nach bi tuill ann an rathaidean air choireigin ach ma 's urrainn dhuinn, thèid na tuill a tha sin a lìonadh.
"Tha fiosam gu bheil uallach air an fheadhainn a tha a' pàigheadh chìsean ach tha gu leòr a' tuigse gum feum sinn na buidseatan againn a chothromachadh bliadhna às dèidh bliadhna - agus 's ann nas doirbhe a tha e a' fàs."