Aonta "uabhasach" leis an EU a rèir iasgairean Albannach

Thuirt Comann Iasgairean na h-Alba gur e aonta "uabhasach" a bh' ann do dh'Alba
- Air fhoillseachadh
Thuirt Comann Iasgairean na h-Alba (SFF) gun do ghèill riaghaltas Sir Keir Starmer ris an EU nuair a rinn iad an t-aonta mu uisgeachan Breatannach.
Dh'aontaicheadh gum bi cead aig bàtaichean an EU iasg a ghlacadh agus gum bi nas lugha de sgrùdaidhean air biadh a tha a' dol gu margaidhean an Aonaidh Eòrpaich.
Thuirt an SFF gur e aonta, sa bheil cuideachd còrdaidhean ùra mu dhìon agus tèarainteachd, "uabhasach" a th' ann agus gun dèan e cron air a' chabhlach Albannach.
Tha seo an dèidh don Phrìomhaire, Sir Keir Starmer, coinneachadh ri riochdairean an EU ann an Sràid Downing madainn Diluain far an deach gabhail ri sreath aontaidhean a bhios gu buannachd a h-uile duine a rèir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag ràdh gu bheil an t-aonta iasgaich a' trèigsinn choimhearsnachdan nan costaichean.
Dh'fhàg Rùnaire Albannach na Bun-reachd, Aonghas Robasdan, air riaghaltas na RA nach do chùm iad conaltradh ceart ri riaghaltasan fèin-riaghlaidh dhùthchannan eile an aonaidh.
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2018
Foillsichidh am Prìomhaire an t-aona ùr gu h-oifigeil aig a' chiad àrd-choinneimh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach.
Thugadh cead do bhàtaichean iasgaich fhathast a bhith ag obair ann an uisgeachan Bhreatainn fon aonta mu chòraichean iasgaich a rinneadh an dèidh Brexit, ach bha dùil gun tigeadh sin gu ceann ro dheireadh an Ògmhios 2026.
Fon aonta ùr thèid na còraichean a leudachadh gu an samhradh 2038.
Thathar a' tuigsinn nach tig atharrachadh air na tha ceadaichte do bhàtaichean Breatannach a ghlacadh de dh'iasg neo gun tig atharrachadh air cuotathan bhàtaichean an EU.

Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an ainm ri aonta iasgaich 12 bliadhna leis an EU
Thuirt Àrd-oifigear an SFF, Elspeth NicDhòmhnaill, gun do chaill an dùthaich cothrom barganachaidh nuair a thig e gu còmhraidhean san àm ri teachd agus chuir i às leth an EU gun deach iad air ais air an aonta ris an do chuir iad ainm ann an 2020.
Thuirt i: "'S e gèilleadh gu tur a tha seo dhan EU agus na aonta sgriosail don chabhlach Albannach.
"Tha an EU air a dhol air ais air an aonta a rinn iad suas gu 2020 agus thuirt iad gum feum iad iad aonta iomadh-bliadhna a bhith aca.
"Ach le bhith a' dèanamh seo tha an RA air an cothrom co-rèiteachaidh aca a chall gu tur, agus leanaidh suidheachadh far a bheil cead aig an EU barrachd iasg a ghlacadh nar n-uisgeachan na air a bheil iad airidh."
Chaidh iasgairean a "thrèigsinn" a rèir luchd-poileataigs dùbhlanach
Ann an teachdaireachd air X, thuirt Rùnaire Albannach na Bun-reachd, Aonghas Robasdan, gun do dh'aontaich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri "aonta iasgaich leis an EU ann am prionnsabal gun chòmhradh, taic neo cead" nan riaghaltasan fèin-riaghlaidh.
Thuirt am Ball-pàrlamaid Tòraidheach do Ghòrdan agus Bùchainn, Harriet Cross, gu bheil an t-aonta air "fear de na gnìomhan trèigsinn as motha a dh'fhuiling an gnìomhachas ann an Alba".
Thuirt i: "Chaidh na h-iasgairean againn a chleachdadh mar dhòigh barganachaidh le Keir Starmer, agus bidh fìor dhroch bhuaidh air coimhearsnachdan nan cladaichean.
"Tha iad air cùl a chur ri na bàtaichean againn, nuair a tha còir aig a' ghnìomhachas a bhith a' faighinn buannachd às na cothroman a tha an cois a bhith a' fàgail an EU agus poileasaidh coitcheann an iasgaich."

Tha gnìomhachas an iasgaich an Alba a' cumail cosnaidh ri mu 4,000 duine, a rèir aithisg an Riaghaltas Albannaich ann an 2023. , taobh a-muigh
Ann an 2022, chuir e £335m ri eaconomaidh na h-Alba, còrr agus an dàrna leth dheth sin à Siorrachd Obair Dheathain, sa bheil Ceann Phàdraig, am port iasgaich as motha am Breatainn.
Tha 0.4% de GDP na dùthcha a' tighinn bho iasgach.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na RA stòras £360m airson coimhearsnachdan nan cladaichean mar phàirt den aonta.
Thuirt iad gun deadh a chosg air teicneòlas agus uidheamachd ùr airson an cabhlach ùrachadh, trèanadh a bharrachd don luchd-obrach agus gun toireadh e "ath-bheòthachadh" air coimhearsnachan mu na costaichean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Sultain 2012